Main content

Maighread Stiùbhart - Iorram Suirghe

Margaret Stewart - St Kilda Courting Song

Bhuam cas-chrom, bhuam cas-dhìreach,
Bhuam gach mìs is cìob is uan;
Suas mo lòn, nuas mo rioba
Chuala mi an gùg sa chuan
Na h-eòin a’ tighinn cluinneam an ceòl

Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheidireach,
Bò dhonn, a rùin, a bhligheadh am bainne dhut;
Hò ro rù ra ri-ri roideachag,
Cailinn dubh ciar-dubh bò sa chrò,
Na h-eòin a’ tighinn, cluinneam an ceòl.

Buidheachas dhan Tì, thàine na gugachan
Thàinig ’s na h-eòin mhòra cuide riu:
Naile, ’s e mo chuat am buachaill’
bhagradh am bàta ’s nach buaileadh,
Cailinn dubh ciar-dubh, bò sa chrò

Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheidireach,
Bò dhonn, a rùin, bhligheadh am bainne dhut;
Hò ro rù ra ri-ri roideachag,
Cailin dubh ciar-dubh bò sa chrò,
Na h-eòin a’ tighinn, cluinneam an ceòl.

’S tu mo luran ’s tu mo leannan:
thug thu thùs dhomh ’m fulmair meala,
M’ eudail thu, mo lur ’s mo shealgair:
thug thu ’n-dè dhomh ’n sùl ’s an gear-bhall,
Cailinn dubh ciar dubh, bò sa chrò…

Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheidireach,
Bò dhonn, a rùin, bhligheadh am bainne dhut;
Hò ro rù ra ri roideachag,
Cailinn dubh ciar-dubh bò sa chrò,
Na h-eòin a’ tighinn, cluinneam an ceòl.

’S tu mo smùirean, ’s tu mo smeòirean,
’s mo chruit chiùil sa mhadainn bhòidhich
’S tu mo chagar ’s tu mo chearban,
thug thu ’m buit dhomh ’s thug thu ’n gearr-bhreac,
Cailinn dubh ciar-dubh, bò sa chrò…

Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheidireach,
Bò dhonn, a rùin, bhligheadh am bainne dhut;
Hò ro rù ra ri roideachag,
Cailinn dubh ciar-dubh bò sa chrò,
Na h-eòin a’ tighinn, cluinneam an ceòl.

Release date:

Duration:

4 minutes