Main content

Julie Fowlis - Siud Mar Chuir Mi’n Geamhradh Tharam

Siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam
smaointinn daonnan gaol mo leannain:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam

’S iomadh oidhche fad an t-seusain
a thàna tu orm a chèilidh;
’s beag bha dùil am anns an rè sin
gur e leannan tèile bh’ agam:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam

’S iomadh oidhche fhliuch is reòthta
thàna tusa thar na mòintich,
null ’s nall air gàrradh Shòbhail
tighinn a chòmhradh gu mo leabaidh:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam

’S iomadh oidhche, air bheag eudaich,
chun na being’ gun d’ rinn mi èirigh :
comhairl’ bheirinn-sa air tèile
fuireach reusant’ anns an leabaidh:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam

’S ann a bha do mhàthair leòmach
’g iarraidh ort gun mise phòsadh;
cha chuir mise dragh rim bheò oirr’
’s rùm gu leòr dhomh an taigh m’ athar:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam
smaointinn daonnan gaol mo leannain:
siud mar chuir mi ’n Geamhradh tharam

Release date:

Duration:

2 minutes