Main content

Gillebrìde Mac'IlleMhaoil - Sìth na Doire

Gilbride Macmillan - Peace of the Grove

Nach sona tha mi ’n-diugh ro àine
Seo fo sgàil nan crann,
’S an doire chnuasmor, dhosrach, nuadh:
Tha sgèimh is guaimeas ann.
Tha gathan grèine danns sna meuran
Feadh nan geug mu m’ cheann,
’S an sruthan thall a’ ruith le fonn
’S a’ pronndail sìos tron ghleann

Gur e m’ àilgheas bhith ri màirneal
Mu chruinn shnast’ nan cnò:
Gach lurg a’ fàs gun mheang gu bhàrr,
Is cinn tha slàn gun sgòid.
An eidheann uain’ mun darag chruaidh
A’ suaineadh suas cho teann;
‘S mun bhlàth is flùr bhon d’ èirich driùchd
Tha ’n seillean ’n tùis a shrannd.

Tha ’n dreòlan mhaoth mun mhusgan chaoin
Cho gnìomhach ’g iarraidh lòin:
Cho earbsach, dian a’ siubhail bhiast
A’ sgabadh mu na fròig.
Tha cuaichean cuimte, snasail, cruinn,
Le còinneach toinnt’ cho sòmh’l,
Am bruachag chùil fo lus-an-t-sùibh
Is leum-a’-chruinn na chòir.

Gach linne shàmhach dèanamh sgàthan,
Diugh, do bhàrr nan crann:
An raineach rìgheil ’m peasgan ìseal
’S ceòthran still mu ceann.
’S gach eun cho aobhach seinn an aonachd
Leis gach aon de seòrs’,
A’ chòisir mhaoth gun tail gun mhaoin
Toirt soighneas saor len ceòl.

Release date:

Duration:

5 minutes