Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Earra-Ghà idheal is Bòd a' coimhead às ùr air a' chìs-chomhairle
Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a' coimhead às ùr air a' chìs-chomhairle a reòthadh às dèidh dhaibh barrachd airgid fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.
Bhòt comhairlichean na sgìre air a' mhìos seo chaidh gus a' chìs a chur suas 10%.
Às dèidh chòmhraidhean le Riaghaltas na h-Alba, tha ceannard na Comhairle, Robin MacMhuirich, a-nise ag rà dh gum mol e reòthadh na cìse aig coinneimh shònraichte an ath-mhìos.
Bha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid is Comhairle Inbhir Chluaidh air cur an aghaidh poileasaidh an Riaghaltais gus a' chìs a reòthadh.
Nochd iomairt às dèidh sin nuair a thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Shona Robison, nach fhaigheadh na comhairlean seo an cuid de mhaoineachadh a bharrachd bhon Riaghaltas.
Tha Comhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid a-nise air innse gu bheil iad air taic a bharrachd fhaighinn airson dèiligeadh ri buaidh fìor dhroch shìde.
"Faodaidh sinn a-nise coimhead ri cìs na Comhairle a reòthadh 'son na bliadhna ri thighinn," thuirt an Comh. MacMhuirich.
"Tha sinn air a bhith ag iomairt airson taic cheart do Earra-Ghà idheal is Bòd a bheireadh feart air buaidh na sìde uabhasaich a bh' anns an Dà mhair an-uiridh.
"Rinn sinn argamaid gu math là idir 'son sin aig coinneimh le Riaghaltas na h-Alba san Fhaoilleach is tha sinn air cuideam a chur air ministearan bhon uair sin air cuspairean eile.
"Tha sinn air ar dòigh gu bheil iad air èisteachd rinn," thuirt e.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag rà dh gum faigh iad £2.3m mu choinneimh buaidh na sìde, £1.1m bhon airgead a bharrachd 'son aontachadh an reòthadh a chur an sà s, is £2.86m bhon mhaoineachadh a bh' ann 'son an reòthaidh bho thùs.
Thuirt an Comh. MacMhuirich gu bheil seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha riaghaltas ionadail.
'S e prìomhachas an ùghdarrais bho thùs, thuirt e, dìon a chur air seirbheisean is cosnaidhean.
Chuir Riaghaltas na h-Alba fà ilte air a' ghluasad bho Chomhairle Earra-Ghà idheal is Bhòid.