91Èȱ¬

ICT feumach air £200,000 gus rianachd a sheachnadh

ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Caley Thistle Inbhir Nis feumach air £200,000 san ath chola-deug gus rianachd a sheachnadh.

Nochd an rabhadh ann an litir a chuir cathraiche a' chluba gu luchd nan earrannan.

Ged a bha Ailean Savage air innse aig deireadh na Lùnastail gun robh ICT "air an sàbhaladh bho rianachd", tha aithrisean an t-seachdain seo air ceistean ùra a thogail.

Anns an litir aige, tha Panos Thomas ag ràdh gum bi feum air eadar £1.4m is £1.6m gus an cluba a chumail a' dol gu deireadh an t-seusain - agus seo nan crìochnaicheadh iad san dàrna àite san lìog.

Chan eil seo a' toirt a-steach £350,000 a chuir Ailean Savage dhan chluba mar-thà, is Mgr Thomas ag ràdh nach urrainn dhan chluba a bhith an eisimeil taic bho Mhgr Savage a' dol air adhart.

Tha an litir cuideachd a' mìneachadh nam fiachan a tha air Caley Thistle.

Nam measg tha £600,000 do HMRC is £170,000 ma chailleas an cluba cùis-lagha a thog am fear a bha na àrd-oifigear aca nan aghaidh.

Thèid iomairt air a bheil Save ICT Fund a chur air dòigh leis an amas £200,000 a thogail ron 16mh den Dàmhair, air neo thathar ag ràdh nach bi dol às ann ach a dhol ann an rianachd.

Tha an litir cuideachd a' dearbhadh gu bheil an cluba air bruidhinn ris an SPFL is ri luchd-rianachd fhèin, air eagal is gur e sin an rathad air an tèid iad.

Dh'innis Mgr Thomas cuideachd gum bi coinneamh fhosgailte ann do luchd nan earrannan, luchd-taic, is daoine eile le ùidh sa chùis aig Pàirce Chaledonian Diluain seo tighinn aig 7.30f.