Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Fearghasdan air ICT fhà gail
Tha Donnchadh Fearghasdan air a dhreuchd mar mhanaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis a chall.
Dhearbh Fearghasdan feasgar Diciadain gun robh an luchd-rianachd a ghabh smachd air a' chluba Dimà irt air a chur às a dhreuchd.
Tha an leas-mhanaidsear Gary Bollan is an coidse Stuart Garden cuideachd air an cluba fhà gail.
gu bheil fear de na coidsichean eile, Scott Kellacher, a-nise os cionn na sgioba.
Tha Kellacher air a bhith aig a' chluba fad iomadh bliadhna.
Bha Fearghasdan air a rà dh nas trà ithe Diciadain gu bheil dùil gum falbh tòrr obraichean aig Caley Thistle is gun tigeadh naidheachd bhon luchd-rianachd Diardaoin.
A' bruidhinn ris a' BhBC às dèidh dha an cluba fhà gaill, thuirt e gun do rinn e a dhìcheall airson Chaley Thistle is gu bheil na tha a' tachairt "brùideil".
Thuirt e gu bheil e fhathast a' creidsinn gun urrainn dha ICT fuireach ann an Lìog 1 ma chumas iad na cluicheadairean aca.
Ghabh Fearghasdan obair a' mhanaidseir ann an Inbhir Nis an-uiridh ach cha b'urrainn dha an cluba a chumail san Championship.
Tha iad air dìreach dà gheama lìge a-mach à deich a bhuannachadh thuige seo air an t-seusan seo ann an Lìog 1 is iad a-nise aig bonn na lìge is iad air 15 puingean a chall 'son a dhol ann an rianachd.
Aig an dearbh à m ge-tà , tha Ailean Savage ag rà dh gu bheil esan misneachail gun gabh an cluba a shà bhaladh.
Bha Savage, a bha uair na chathraiche air ICT is a thill dhan chluba as t-samhradh mar fhear-comhairlichidh, air innse ron seo gun robh e den bheachd gur dòcha gur e rianachd an roghainn a b' fheà rr a bha air fhà gail.
Dh'innis e don BhBC gun dèan e a dhìcheall an cluba a chumail a' dol.
Nuair a chaidh faighneachd dha an robh e misneachail gun gabh ICT a shà bhaladh, thuirt Mgr Savage: "Tha gu dearbh".
Gheall e cuideachd taic a thoirt do dhuine sam bith a chailleas an cosnadh obair ùr a lorg.
Cha chanadh Mgr Savage dè dìreach an t-à ite a dh'fhaodadh a bhith aige fhèin aig Caley Thistle ma thig iad a-mach à rianachd.
"Tha sinn a' dol ceum le ceum is gus an dèan sinn sin tha e ro thrà th a rà dh," thuirt e.