Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Fà ilte mhòr air Fin Greumach an Inbhir Pheofharain
Chaidh fà ilte mhòr a chur air Fin Greumach is e a' tilleadh dhachaigh dhan Ghà idhealtachd bho na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris.
Shoirbhich gu math le Fin, 24, à Srath Pheofhair, san Fhraing is e a' coisinn dà bhonn aig na geamaichean.
Bhuannaich e bonn òir ann an Rèis Rathaid C1 - 3 is bonn airgid ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.
Bha an Greumach cuideachd air clà r na cruinne a bhristeadh san fharpais sin - ged a chaidh a bhristeadh a-rithist cha mhòr sa bhad le Jaco van Gass.
Bha Fin, a bha uair na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain, air ais air a' bhaidhseagal aige madainn Diardaoin is e fhèin is cuid de sgoilearan an là an-diugh a' dol eadar Drochaid Sguideil is an sgoil.
Chuir tidsearan agus sgoilearan fà ilte mhòr air an sin.
Chan eil e a' faighinn fois ge-tà , is gus falbh gu farpaisean rathaid na cruinne an ath-sheachdain.