Bonn airgid dha Fin Greumach
- Air fhoillseachadh
Choisinn Fin Greumach à Srath Pheofhair bonn airgid aig na Geamaichean Paralimpigeach ann am Paris.
Bha Fin san dà rna à ite ann am farpais C3 3000m Individual Pursuit nam fear.
'S e Breatannach eile, Jaco van Gass, a bhuannaich am bonn òir.
Nas trà ithe air an là anns na cuairtean dearbhaidh bha an Greumach air clà r na cruinne a bhristeadh is e a' crìochnachadh ann an 3:17.305.
Ach dìreach goirid às dèidh sin bhrist van Gass fhèin an clà r a-rithist le 3:15.488 sa chuairt aigesan.
'S e 3:18.460 a rinn van Gass sa chuairt dheireannaich is an Greumach a' crìochnachadh ann an 3:22.540.
"Tha e dìreach coltach ri Tokyo", thuirt Fin.
"Chaidh mi a-mach is bhrist mi clà r na cruinne agus 's gann gu bheil mi air tighinn far a' bhaidhg is tha Jaco air a thoirt bhuam.
"'S e a bhuannaich clà r na cruinne agus bonn òir ann an Tokyo. 'S urrainn dha an ìre as à irde a ruighinn aig an à m cheart.
"'S e an duine as là idire air an là a tha a' buannachadh agus an-diugh 's e Jaco a bha sin".
'S e Fin a' chiad Albannach a tha air bonn a bhuannachadh aig na geamaichean am-bliadhna.