91Èȱ¬

Bonn eile dha Fin Greumach

  • Air fhoillseachadh
Fin Greumach agus Jaco Van GassTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Fin Greumach (clì) a-nise air dà bhonn airgid a bhuannachadh ann an Tokyo.

Tha Fin Greumach à Srath Pheofhair air bonn eile a bhuannachadh aig na Geamaichean Para-limpigeach ann an Tokyo.

'S e bonn airgid eile a th' ann airson an fhir-baidhseagail, 21, is e a' crìochnachadh san dàrna àite ann Rèis C1-3 nam fear.

'S e Breatannach eile, Benjamin Watson, a bha sa chiad àite, agus Jaco van Gass sa chòigeamh àite.

Bha Fin Greumach mar-tha air bonn airgid eile fhaighinn anns an C3 3000 meatar aig na geamaichean.

³Òྱ°ù»å±ð²¹³¦³ó²¹²õ

Thuirt e gun robh e air a dhòigh glan duais eile a bhuannachadh.

"Leis an triùir againn san rèis bha fios againn gum b'urrainn dhuinn smachd a chumail air agus 's e an t-amas dìreach gum buannaicheadh cuideigin againn", thuirt Fin.

"Fhuair Ben pìos air thoiseach agus leig sinn leis a' bheàrn fàs, is an uairsin rinn mi oidhirp aig an deireadh, ach bha e ro làidir.

"Tha sinn duilich nach d' fhuair sinn an 1-2-3 ach tha bonn airgid gu math snog.

"Chan eil ann ach trì bliadhna a-nise gu geamaichan Pharis agus bidh sinn ag ullachadh airson sin sa bhad", thuirt e.