91Èȱ¬

"Tha mi dìreach toilichte a bhith a' cluich ball-coise a-rithist"

Roddy MacGriogair
  • Air fhoillseachadh

Thuirt an cluicheadair ball-coise Gàidhealach Roddy MacGriogair gu bheil e fìor thoilichte a bhith a' cluich a-rithist às dèidh dha gluasad gu Queen's Park as t-samhradh.

Rugadh is thogadh MacGriogair ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd is bha e na sgoilear aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhalach.

Thàinig e tro shiostam òigridh Chaley Thistle sa bhaile is e a' cosnadh cliù aig aois òg mar chluicheadair le fìor chothrom adhartas a dhèanamh san spòrs.

Ach bha cùisean doirbh dha mu dheireadh aig tuath is e gu tric air a ghoirteachadh is an cluba fhèin ann an staing air agus far na pàirce.

Cha do nochd MacGriogair ro thric idir air an t-seusan seo chaidh is ICT a' tuiteam a-mach às an Championship.

Air a' cheann thall ghlèidh e fhèin àite aig an ìre sin is e air ainm a chur ri cùmhnant le Queen's Park às dèidh dha ICT fhàgail.

Tha e air tòiseachadh gu làidir leis na Spiders is e mar-thà na phàirt chudromach den sgioba agus am measg nan tadhal.

"Tha gnothaichean a' còrdadh rium gu mòr", dh'innis Roddy dhan BhBC.

"Tha set-up math an seo aig Lochinch agus aig Lesser Hampden. Tha sguad math againn agus tha sinn air tòiseachadh ceart gu leòr agus a' coimhead air adhart ri na tha ri thighinn.

"Dh’innis am manaidsear dhomh mu na planaichean aige fhèin agus aig a' chluba. Tha e furasta am miann a th’ aig a' chluba airson a dhol suas fhaicinn agus tha sinn uile ag iarraidh sin".

Tha manaidsear Roddy a cheart cho toilichte.

Bha Calum Davidson air leigeil fhaicinn roimhe nuair a bha e aig St Johnstone gun robh e measail air MacGriogair mar chluicheadair.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha Roddy MacGriogair air a dhòigh aig Queen's Park

Cha b' e mar sin ruith ach leum a rinn Davidson nuair a fhuair e cothrom MacGriogair a thoirt a Ghlaschu.

"Thog mi am fòn cho luath 's a chuala mi gun robh e ri fhaighinn", dh'innis am manaidsear.

"Tha e air bhith sònraichte gu seo is chaidh e dìreach a-steach dhan sgioba.

"Bidh mi an-còmhnaidh ag ràdh gur iad na cluicheadairean fhèin a tha a' taghadh na sgioba seach mise, agus tha esan ga thaghadh fhèin an-dràsta".

Ged a tha MacGriogair air a bhith mun cuairt an ìre mhath fada a-nise is e air tòiseachadh sa chiad sgioba aig Caley Thistle aig aois òg, chan eil e fhathast ach 22.

Tha Davidson ag ràdh gu bheil cothrom math aige fhathast an tuilleadh adhartais a dhèanamh.

"Tha rudan ann a dh'fheumas e ionnsachadh ach is urrainn dha a dhol gu ìre nas àirde - tha an cothrom sin aige.

"Tha e a' cluich cho math an-dràsta is mar as motha a nì e sin, 's ann a bhios barrachd dhaoine a' mothachadh dha.

"Is urrainn dha cluich ann am meadhan na pàirce - domhain no nas fhaide air adhart, no air na cliathaichean. Tha an tàlant aige".

Tha Roddy fhèin ag aideachadh gun robh e doirbh dha cùl a chur ris a' Ghàidhealtachd agus ri Caley Thistle gu sònraichte as t-samhradh is an cluba air a bhith na phàirt cho mòr dha bheatha.

Cha do rinn an troimhe-chèile aig Pàirce Chaledonian cùisean dad na b' fheàrr.

Tha e ag ràdh gur e faochadh a th' ann dha faicinn gu bheil coltas ann a-nise gu bheil ICT air slighe nas cinntiche.

"Anns na mìosan mu dheireadh bha tòrr stuth a' tighinn a-mach nach robh cho math ach anns na seachdainean a dh’fhalbh, tha sinn air Alan Savage fhaicinn a' tighinn a-steach, agus tha e a' coimhead gu bheil cùisean a' fàs beagan nas fheàrr.

"Bheir e ùine nam bheachd agus tha mi dìreach an dòchas gum bi an cluba air ais anns na lìogan mòra".

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Roddy grunn bhliadhnaichean le Caley Thistle

Ach ged a tha am meas a th' aig MacGriogair air Caley Thistle fhathast follaiseach, tha làn aire aige a-nise air Queen's Park

Às dèidh nan duilgheadasan a bh' aige anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha e ag ràdh gu bheil e "dìreach toilichte a bhith a' cluich ball-coise a-rithist".

Agus 's ann a tha e ag amas air togail air sin.

"Tha mi ag iarraidh barrachd thadhal agus barrachd assists. Ach ‘s e an rud as cudromaiche cluich, sin an t-amas mòr agam, a bhith a' cluich fad an t-seusain.

"Tha mi air a bhith air mo ghoirteachadh anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh so 's e sin an rud as cudromaiche dhomhsa - a bhith a' cluich gach seachdain".

Cluinnear is chìthear barrachd bho Roddy air An Là air 91Èȱ¬ ALBA oidhche Haoine aig 7.00f agus air Spòrs na Seachdain air 91Èȱ¬ Radio nan Gàidheal madainn Disathairne bho 09.00m.