A’ Bhliadhna Bhorb aig Taigh a’ Bhòid

Tùs an deilbh, PA

Tiotal an deilbh, Ash Regan, Humza Yousaf agus Kate Fhoirbheis nuair a chaidh ceannard ùr an SNP fhoillseachadh an-uiridh.
  • Ù²µ³ó»å²¹°ù, Niall O'Gallagher
  • Dreuchd, Neach-naidheachd Poileataigeach

365 latha de Humza Yousaf mar Phrìomh Mhinistear

Thachair mise ri Humza Yousaf mus deach a thaghadh mar bhall-pàrlamaid na h-Alba.

Bha e a-muigh air na sràidean ro fho-thaghadh Ghlaschu an Ear ann an 2008, seann sgìre Làbarach a chaidh a ghlacadh leis an SNP a' bhliadhna sin, mar ro-aithris air an smachd a gheibheadh am pàrtaidh air poileataigs na h-Alba anns na bliadhnaichean a bha ri thighinn.

Tha cuimhne agam air Mgr Yousaf – dìreach ‘Humza’ aig an àm – ann an lèine bhall-choise na h-Alba am measg òigridh an SNP, a’ sireadh taic don tagraiche aca, John Mason, a dheadh, ann an cleas eachdraidh, na bhall aig Holyrood agus na adhbhar dragh do Mhgr Yousaf agus Nicola Sturgeon mar thoradh air na beachdan cràbhaidh aige.

Bha sin uile fhathast ri teachd. An uair sin, sheas Humza a-mach bhon chòrr, seadh, mar thoradh air a chreideamh Mhuslamach agus a dhualchas Pagastanach, ach cuideachd ri linn na dòigh furasta a bha aige le daoine, an earbsa aige nach do chuir daoine droil, mar a bhruidhneadh e ri daoine gun èigheachd riutha a rèir nòs traidiseanta poileataigs an oilthigh.

Dheadh a thaghadh mar bhall-pàrlamaid na h-Alba air liosta Ghlaschu ann an 2011. Cha b’ fhada às dèidh sin a thòisich daoine a’ bruidhinn mu Mhgr Yousaf mar thagraiche airson dreuchd a’ Phrìomh Mhinisteir.

Iomadh bliadhna on uair sin, anns a’ Mhàrt 2023, rinn Mgr Yousaf eachdraidh mar a’ chiad neach a bhuin ri mion-shluagh gus Riaghaltas na h-Alba a stiùireadh.

Tùs an deilbh, PA

Dleastanas

Cha deadh am Prìomh Mhinistear às àidhcheadh nach do thachair sin aig an àm, no air an dòigh, a bu toil leis.

Dh’fhàg roghainn Nicola Sturgeon an dreuchd a leigeil dhith gun dùil an-uiridh, gum b’ fheudar do Mhgr Yousaf cur roimhe mu dheireadh thall an do dh’iarr e an dleastanas a bha ceangailte ri ainm fad iomadh bliadhna.

A-nis, bha Mgr Yousaf na dhuine aithnichte am measg an t-sluaigh, a bha na Rùnaire Slàinte aig am a’ ghalair, nach robh riamh fada bho thaobh Ms Sturgeon.

Sin a dh’aindeoin aois – b’ e Mgr Yousaf an duine a b’ òige a chaidh a thaghadh mar phrìomh mhinistear, agus tha e fhathast fo 40 bliadhna dh’aois.

Bliadhna o chaidh e na phrìomh mhinistear, is fhiach cuimhneachadh nach robh cinnt gun cuireadh e ainm air adhart. Tha teaghlach òg aig Mgr Yousaf agus dh’iarr e là no dhà gus beachdachadh air a’ chùis aig an taigh.

A thuilleadh air sin, tha Mgr Yousaf – coltach ris an t-seann charaid sgoile aige, ceannard nan Làbarach Anas Sarwar – air an dà chuid gràin-chinnidh agus gràin-chreideimh fhulaing fad a bheatha ann am poileataigs na h-Alba, rud nach deidh ach am miosad nam faigheadh e am prìomh dhreuchd.

Tùs an deilbh, PA

Tiotal an deilbh, Nicola Sturgeon a' fàgail Cheistean a' Phrìomh Mhinistear airson an turas mu dheireadh mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba

Iongnadh

Ach on a dhearbh Mgr Yousaf gun seasadh e gus a bhith na phrìomh mhinstear, 's e glè bheag a chaidh a rèir a’ phlana.

B’ e a’ chiad iongnadh cho faisg agus a bha toradh na farpaise gus àite Nicola Sturgeon a lìonadh.

Às dèidh dhomh agallamh a dhèanamh le Ceit Fhoirbeis anns an do bhruidhinn i gu follaiseach mu a creideamh Crìostail agus a’ bhuaidh a thug sin air na beachdan poileataigeach aice, shaoil cuid gu robh an iomairt deiseil mus do thòisich i.

Ach aig a’ cheann-thall, rinn Ms Fhoirbeis math gu leòr gus cur ri a cliù fhèin agus ceistean fhàgail mu smachd Mhgr Yousaf air a’ phàrtaidh aige.

Ach bha trioblaidean fada na bu mhotha air fàire.

Aig deireadh ciad bhliadhna Humza Yousaf aig Taigh a’ Bhòid, tha rannsachadh nam poileas air gnothaichean ionmhais an SNP fhathast a’ leantainn.

Tùs an deilbh, Reuters

Tiotal an deilbh, Poileas taobh a-muigh taigh Nicola Sturgeon agus seann Àrd-oifigear an SNP Peadair Murrell

Uabhas

Tha a’ chonnspaid mu Operation Branchform air a bhith na uabhas do phrìomh mhinistrealachd Humza Yousaf.

Cha deach aige air aire a thoirt don chlàr-obrach aige fhèin fhad ’s a bha gach camara ga dhìreachadh air Ms Sturgeon.

Gu dearbh, bha cuid mhòr den obair aige am-bliadhna ann an gluasad air falbh bho pholasaidhean a’ cheannaird a thàinig roimhe.

Nam measg, bha sgìrean mara fìor-ghlèidhte agus sgeama tilleadh nam botal, beachdan a bha gu sònraichte cudromach do na h-Uainich a thugadh a-steach don riaghaltas fo Ms Sturgeon agus a tha air a bhith nan adhbhar gearain anns an SNP o dh’fhàg i.

Ach chan urrainn do Mhgr Yousaf a coireachadh-se airson a h-uile rud a chaidh iomrall air anns a’ bhliadhna a dh’fhalbh.

Cha b'e Humza Yousaf a bu choireach airson dol-a-mach Mhìcheil MhicMhathain. Ach bha e follaiseach do gach duine seach Mgr Yousaf agus Mgr MacMhathain fhèin gum bu chòir don mhinistear falbh.

Tùs an deilbh, PA

Slat-tomhais

Do na pàrtaidhean eile – am Pàrtaidh Làbarach gu sònraichte – tha cothrom ann am bliadhna bhorb Humza Yousaf. Ach chan eil a h-uile rud a’ coimhead dona don phrìomh mhinistear.

Ged a tha dùil ri taghadh dùbhlanach do phàrlamaid Westminster am-bliadhna-sa, tha dà bhliadhna ron ath thaghadh Albannach

Agus, bidh Mgr Yousaf riaraichte ma gheibh e gu deireadh na bliadhna ionmhais leis gach comhairle a’ gabhail ri reòthadh na cìse comhairle, polasaidh a tha e an dòchas a chòrdas ris an luchd-bhòtaidh.

Ge-tà, chan e sin an t-slat tomhais a thèid ceannardan an SNP a thomhas leatha, mar a tha làn-fhios aig Mgr Yousaf fhèin.

Don phàrtaidh, is e a’ cheist an toir an ceannas aige an dùthaich nas fhaisge air prìomh amas an SNP, neo-eisimeileachd na h-Alba.

Bliadhna o ràinig e Taigh a’ Bhòid, chan eil e idir follaiseach a bheil slighe aig Mgr Yousaf a dh’ionnsaigh a’ chinn-uidhe sin.