Ceannard ùr an SNP: Humza Yousaf
- Air fhoillseachadh
Chaidh Humza Yousaf a thaghadh le ballrachd an SNP airson a bhith mar cheannard ùr, às dèidh do Nicola Sturgeon leigeil fhaicinn gun robh i a' dol a sheasamh sìos.
Bha Mgr Yousaf ga fhaicinn mar phrìomh thagraiche 'son ceannas a' phà rtaidh am measg mòran de luchd-poileataigs agus luchd-naidheachd agus b' e a fhuair taic an t-seann cheannard Nicola Sturgeon agus à rd bhuill eile, a leithid John Swinney.
Tha am BPA airson Glaschu Pollok air a bhith 'sa Phà rlamaid bho 2011 agus tha e air grunn dhreuchdan riaghaltais a thoirt a-mach bhon uairsin.
Fhuair e dreuchd mar mhinistear na h-Eòrpa agus leasachadh eadar-nà iseanta ann an Riaghaltas Alex Salmond ann an 2012.
Bha e an uair sin na Mhinistear Còmhdhail agus Rùnaire a' Cheartais agus tha e air a bhith na Rùnaire Slà inte bhon Chèitean 2021.
'S e Mgr Yousaf a' chiad neach bho mhion-shluagh a th' air a dh'fhaodadh a bhith os cionn Riaghaltas na h-Alba agus 's e cuideachd a' chiad Mhuslamach a chaidh a thaghadh mar cheannard prìomh phà rtaidh poileataigeach san Rìoghachd Aonaichte.
'S ann à Pacastan a tha athair Mgr Yousaf bho thùs agus rinn e imrich a dh' Alba le a theaghlach anns na 1960an. Rugadh a mhà thair ann an Ceinia do theaghlach a ceann a Deas Aisia.
Tha Mgr Yousaf tric air bruidhinn mu bhith a' fulaing grà in-cinnidh, agus chaidh fireannach, 25, agus boireannach aois 35 a chur fo chasaid aig toiseach iomairt a' cheannais airson a bhith a' bagairt air.
Connspaid
Chan eil ùine Humza Yousaf san riaghaltas air a bhith gun chonnspaid.
Fhad 's a tha e air a bhith mar Rùnaire na Slà inte, tha amannan feitheimh ospadail air a dhol am meud gu mòr, rud a tha Mgr Yousaf ag rà dh a tha sa chumantas air feadh na Rìoghachd Aonaichte.
Chaidh cà ineadh a dhèanamh air Bile Eucoir Grà in Mhgr Yousaf agus dragh air moran mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air saorsa-labhairt.
Tha luchd-taic Mhgr Yousaf air a bhith luath gus dìon a chur air a' chlà r aige ann an oifis, 's iad ag rà dh gun deach crìoch a chur air Drochaid Phort na Banrighinn nas trà ithe agus nas saoire na chaidh a ghealltainn fhad's a bha e na Rùnaire Còmhdhail agus lùghdachadh ann an ìrean eucoir fhad's a bha e na Mhinistear a' Cheartais.
Dè a-nis?
'S iomadh dùbhlan a bhios ro Humza Yousaf agus e a-nis na Cheannard air an SNP.
Bha e soilleir tro iomairt a' cheannais gun dèanadh e strì sa chùirt an aghaidh co-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte bacadh a chur air atharrachaidhean ann am poileasaidhean aithneachaidh gnè Riaghaltas na h-Alba.
B'e an aon thagraiche a thuirt Pà rtaidh Uaine na h-Alba gum biodh iad deònach leantainn ann an compairteachas leis.
Feumaidh e cuideachd dearbhadh dè na planaichean a th' aige airson neo-eisimeileachd do dh' Alba a thoirt gu buil. Bidh obair mhòr ri dhèanamh cuideachd gus aonachd a thilleadh do phà rtaidh far a bheil sgaraidhean air sìor èirigh agus an rèis airson a' cheannard ùr air a bhith a' leantainn.
Dimà irt feumaidh Mgr Yousaf faighinn tro bhòt aig Holyrood mus tèid a dhearbhadh mar phrìomh mhinistear.