Caibineat ùr air a thaghadh
- Air fhoillseachadh
Chaidh Shona Robison ainmeachadh mar rùnaire an ionmhais sa chaibineat aig Humza Yousaf.
Dh'fhoillsich Mgr Yousaf an caibineat ùr Diciadain às dèidh dha a bhòidean a ghabhail mar Phrìomh Mhinistear na h-Alba nas trà ithe ann an seirbheis ghoirid aig Cùirt an t-Seisein.
Bha fios mar-tha gun robh Shona Robison gu bhith na Leas-Phrìomh Mhinistear, is bidh a-nise uallach an ionmhais oirre cuideachd.
Tha i a' dol à n à ite Ceit Fhoirbeis, a bha san dà rna à ite san fharpais airson ceannas an SNP.
Cho-dhùin a' Bh.Ph. Fhoirbeis an Riaghaltas fhà gail seach obair a ghabhail mar Rùnaire nan Cùisean Dùthchail.
Air a' cheann thall tha MÃ iri Gougeon a' fuireach san obair sin.
A thuilleadh air sin, 's e Mìchael MacMhathain Rùnaire ùr na Slà inte, an obair a bh' aig Mgr Yousaf.
'S i Jenny Gilruth - a bha na Ministear airson Còmhdhail - Rùnaire ùr an Fhoghlaim.
³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ
Tha 91Èȱ¬ Naidheachdan a' feitheamh dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba a bheil uallach airson na ³Òà ¾±»å³ó±ô¾±²µ a' fuireach mar phà irt den obair sin mar a bha san Riaghaltas mu dheireadh.
Tha Angela Constance a' dol an à ite Keith Brown mar Rùnaire a' Cheartais is tha Aonghas Robasdan a' fuireach mar Rùnaire a' Bhun-reachd is a' Chultair.
Tha à ite sa Chaibineat ùr cuideachd do Mhà iri NicAilein mar Rùnaire Chà rboin Neodraich is Neil Gray mar Rùnaire a' Chumhachd.
Chaidh Shirley-Anne Somerville a ghluasad gu dreuchd Rùnaire a' Cheartais Shòisealta.
Tha còignear den Chaibineat nas òige na 40 agus 'son a' chiad turas tha boireannaich sa mhòr-chuid.
Thuirt Mgr Yousaf gu bheil e air sgioba a thagadh gus ro-innleachd radaigeach a thoirt air adhart.
Dh'innis e gum bi dèiligeadh ri bochdainn chloinne, seirbheisean poblach a leasachadh, agus eaconomaidh nas cothromaiche is nas uaine a thogail am measg nam prìomhachasan a bhios aige.
Bhòtaidh Pà rlamaid na h-Alba air a' Chaibineat ùr Diardaoin.