Beatha ùr a' chupa chaillte
- Air fhoillseachadh
Tha fear de phrìomh chupanan na h-iomain a' comharrachadh clach-mhìle shònraichte am-bliadhna is e 100 bliadhna a dh'aois. Ach bidh an tuilleadh eachdraidh air a dèanamh aig cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlannaich eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich is Baile Ùr an t-Slèibh Disathairne is duais fiù 's nas sine leis an dearbh ainm air tilleadh dhachaigh gu saoghal na camanachd.
Ann an sgeulachd anns a bheil na h-uidhir de cheistean fhathast, tha co-dhiù aon rud cinnteach - an duine a thug seachad an dà chupa bho thùs.
'S e Uilleam Sutharlannach, a rugadh ann an Glaschu ann an 1880 le ceanglaichean là idir Gà idhealach is a rà inig à rd-ìre ann am poileataigs na Rìoghachd Aonaichte anns na bliadhnaichean às dèidh a' chiad chogaidh.
Bha an Sutharlannach na bhall-pà rlamaid Libearalach do dh'Earra-Ghà idheal eadar 1918 is 1924, na bhall den chaibineat is gu dearbh na rìdire. Aig teis-mheadhan seo uile bha e cuideachd na dhlùth-charaid do Dhà ibhidh Lloyd George, na rùnaire dha gu dearbh, is ann am beachd cuid "the first of the modern spin doctors".
Ach air falbh bho chleasan poilitigeach aig ìre nà iseanta, bha Uilleam Sutharlannach mothachail cuideachd, tha e coltach, air cho cudromach 's a bha taic aig ìre na coimhearsnachd. Bha e na dheagh charaid do dh'iomain is e tric aig geamaichean is na cheann-suidhe air cluba an Òbain. Ann an 1922 thug e seachad cupa airgid 'son farpais aig ìre junior, rud a bhathas a' faicinn glè chudromach 'son chluicheadairean òga a bhrosnachadh.
Chaidh Cupa an t-Sutharlannaich a chur air chois le Baile Ùr an t-Slèibh is Bòd a Tuath a' coinneachadh sa chiad chuairt dheireannaich sa Cheapaich ann an 1923. Mar a dh'aithris Tìm an Òbain: "A fast keen game, fought in a sporting spirit throughout, ended Newtonmore 3 goals; North Bute 2 goals".
'S iomadh geama mar sin a bh' ann an Cupa an t-Sutharlannaich bhon uairsin. Tha à ite sònraichte aig an t-seann chupa ann an saoghal na h-iomain fhathast.
'S beag an t-iongnadh mar sin gun robh uabhas air an eòlaiche iomain, Ùisdean MacIllinnein, nuair a chuala e ann an 2013 gun robh Cupa an t-Sutharlannaich ga reic aig rùp ann an Sasainn.
"Bidh cuid eòlach air Gilleasbuig Fearghasdan san Eilean Sgitheanach a bhios a' reic is a' ceannach leabhraichean is a bhios a' siubhal chatalogan is rùpan"', dh'innis Ùisdean.
"Fhuair mi fios bhuaithe gun robh Cupa an t-Sutharlannaich a' nochadh aig rùp. Chaidh mi às a dhèidh is cheannaich mi e".
Bha an dà rna cupa - cupa beag à lainn - air ais fo chùram na h-iomain ach gun fhios fhathast dè dìreach a bh' ann.
Sgrìobhte air tha 'The Sutherland Cup, Presented by Sir William Sutherland' is gun do thachair seo ann an Lunnainn ann an 1905.
A dh'aindeoin oidhirpean Ùisdein, chan eil an còrr uile gu lèir follaiseach fhathast.
Bha e den bheachd an toiseach gur dòcha gur e feadhainn anns a' choimhearsnachd Ghà idhealaich ann an Lunnainn a bha a' farpais air a shon, 's dòcha aig à m na bliadhna ùire.
Tha beachd ann a-nise gur dòcha gur e seo cupa a thug an Sutharlannach seachad airson farpais iomain ann am Meadhan Earra-Ghà idheal ann an 1921 air an robh.....Cupa an t-Sutharlannaich.
Is mura h-e cupa Earra-Ghà idheal a tha seo, dh'fhaodadh fiù 's gu bheil an treas Cupa an t-Sutharlannaich aig cuideigin, an à iteigin.
Ceistean mu thùs a' chupa bhig ann no à s, tha na tha an dà n dha co-dhiù cinnteach. Bho seo a-mach, thèid dà Chupa an t-Sutharlannaich a thoirt seachad aig a' chuairt dheireannaich.
Le bonn ùr snasail air a chur air, bidh an cupa a lorg Gilleasbuig is Ùisdean mar dhuais do shà r-chluicheadair na cuairte deireannaiche.
"Bha mi riamh a' smaoineachadh gun robh còir feum a dhèanamh dheth is bha mi riamh le sùil air adhart chun na bliadhna seo nuair a tha sinn a' comharrachadh 100 bliadhna den chupa mhòr.
"Bha mi riamh den bheachd cuideachd gum bu chòir duais a bhith ann dhan chluicheadair a b' fheà rr ann an Cupa an t-Sutharlannaich oir cha robh iad a' faighinn cà il", dh'innis e.
Chaidh cupa caillte na h-iomain a chaidh air dìochuimhne ann an là mhan Chomann na Camanachd gu h-oifigeil aig toiseach an t-samhraidh.
Thèid a thoirt seachad 'son a' chiad turas aig cuairt dheireannach Chupa an t-Sutharlannaich ann an Druim na Drochaid Disathairne.
'S e an aona cheist a-nise an e cluicheadair à Camanachd an Eilein Sgitheanaich no Baile Ùr an t-Slèibh a gheibh e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh16 An Dùbhlachd 2013