Cò às a thà inig an Cupa?
- Air fhoillseachadh
'S e farpais iomain ainmeil a th' ann an Cupa an t-Sutharlanaich, cupa brèagha a chuir Sir Uilleam Mac an t-Sutharlanaich air adhart an toiseach ann an 1923.
'S e ball-pà rlamaid Libearalach do dh'Earra-Ghà idheal a bha san t-Sutharlanach is coltas ann gun robh ùidh aige sa chamanachd.
Bidh na sgiobaidhean as fheà rr aig ìre junior fhathast a' farpais airson a' chupa gach bliadhna.
An cuala sibh a-riamh ge-tà mu Chupa an t-Sutharlanaich eile - a chuir an dearbh dhuine air adhart ann an 1905?
Rùp
Tha eòlaichean air a bhith a' meòrachadh air a' ghnothach bho fhuair Gilleasbuig Fearghasdan san Eilean Sgitheanach lorg air a' chupa agus e a' cladhach anns na bha ga reic aig rùp ann an Colchester ann an Sasainn.
"Chuir mi a-steach 'Gà idhlig' is thà inig an cupa a tha seo am bà rr," thuirt Gilleasbuig.
"Seo mar a bha e air a chur:
"Presented for the national junior championship for the Gaelic game of Shinty in Scotland by Sir William Sutherland MP in 1905"
"Chan e seòrsa rud air a bheil eòlas sam bith agamsa," arsa Gilleasbuig, "ach shaoil mi sa mhionaid uarach, tha fios agam air aon duine co-dhiù aig am bi ùidh mhòr ann".
Tasglann
Cò eile ach eòlaiche na h-iomain, Uisdean MacIllinneinn, a tha an-drà sta fhèin aig teis-mheadhan oidhirp gus tasglann a stèidheachadh dhan iomain.
"Cha robh sian de dh'fhios agamsa gun robh leithid de chupa ann agus b'fheudar dhomh beagan rannsachaidh a dheà namh ach am faicinn an robh eachraidh an lùib na cùise," thuirt Uisdean.
"S e cnag na cùise nach eil sian de dh'fhios againn air cà il mu dheidhinn ach mu dheidhinn an t-Sutharlanaich fhèin.
"Tha fhios againn cò e is dè am pà rtaidh a bh' aige, is dè am pà irt a bh' aige san Riaghaltas aig an à m, agus gun do chuir e cupa eile air adhart is gu bheil sinn eòlach gu lèor air fhathast."
Chuir Gilleasbuig is Uisdean air dòigh gun ceannaicheadh iad an cupa fhad 's bhathar a' rannsachadh a chuid eachdraidh.
'S dòcha nach do thuig muinntir an rùp builleach luach a' chupa, is chaidh a cheannach 'son £95.
Lunnainn
Tha Uisdean a-nise den bheachd gur e feadhainn anns a' choimhearsnachd Ghà idhealaich ann an Lunnainn a bha a' farpais air a shon, 's dòcha aig à m na bliadhna ùire.
"Aig toiseach an 20mh linn bha iomain aig à irde ann an Lunnainn.
"Bhiodh sgiobaidhean Lunnainn a' tighinn suas chun na Gà idhealtachd air tursan, a' dol suas gus am faiceadh iad dè an spòrs a bh' aig na Gà idheil aig an à m.
"Bha cuid dhiubh a bhuinneadh dhan Ghà idhealtachd fhèin ach a' mhòr-chuid, cha robh sgot aca tha mi cinnteach dè bha a' tachairt air a' Ghà idhealtachd, is bha iad a' faicinn saoghal na camanachd mar rud annasach," thuirt e.
³§Ã ²ú³ó²¹¾±±ô³Ù±ð
Tha gu leòr ri ionnsachadh fhathast mun chupa, a tha a-nise sà bhailte ann an là mhan Uisdein.
'S dòcha air a' cheann thall gum faigh e dachaigh ann an tasglann na camanachd, rud air a bheil Uisdean is Comann na Camanachd ag obair an-drà sta.
"S e pìos de dh'eachdraidh na camanachd a tha seo is cha robh sian de dh'fhios againn gun robh an leithid ann," thuirt Uisdean.
"Chan e duais uabhasach mòr no eireachdail a th' ann an taca ri Cupa na Camanachd no duais mar sin.
"Tha e cudromach ge-tà , gu bheil e a-nise againn agus gun urrainn a ghlèidheil," thuirt e.