Cuairt Dheireannach a Chinn a Deas
- Air fhoillseachadh
'S e là mòr Earra-Ghà idheal a bhios ann sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd agus Caol Bhòid a-nise troimhe còmhla ri Inbhir Aora.
Air là teth, bruthainneach san Òban chaill Bail' Ùr an t-Slèibh an grèim air a' chupa agus balaich Thaigh na Bruaich a' soirbheachadh nan aghaidh 2-1.
'B e geama cianail fhèin faisg a bh'ann eadar an dà sgioba as là idir san spòrs, agus le na loidhnichean dìon gu sònraichte neartmhor cha robh mòran chothroman ann trath sa gheama.
Thà inig tadhal mu dheireadh thall dìreach as-dèidh an lethuair - Tòmas Whyte a' stiùireadh a' bhuill seachad air Mìcheal Ritchie gu sgileil son Caol Bhòid a chur air thoiseach.
Cha b'fhada gus an d'thà inig an darna tadhal, slaic thapaidh bho Ruairidh Dòmhnallach son sgioba a chinn a deas a chur ann an suidheachadh là idir aig 2-0.
Cudromach
Bha coltas ann aig an ìre sin gum faodadh Caol Bhòid ruith air falbh leis a' ghothach, ach fhuair Bail' Ùr an t-Slèibh air ais dhan gheama le tadhal cudromach ro letheach slighe.
Bha obair ionmhalta bho Chalum Miller agus Dòmhnall Irvine air Danny MacRath a chumail gu math samhach - ach cha robh a dhìth air MacRath ach aon chothrom agus loisg e urchair seachad air Coinneach Dòmhnallach ann an tadhal Chaol Bhòid.
Gu follaiseach fhuair am Bail' Ùr spionnadh às an tadhal sin agus 'b ann acasan a bha là mh an uachdair sa chiad chairteal na h-uaireach den darna leth.
Ghabh iad grèim là idir air meadhan na pà irce agus bhiodh an darna tadhal air tighinn mura b'e sà r-obrach bho Dhòmhnallach eadar na puist son Chaol Bhòid.
Cha d'thà inig an tadhal ge-tà agus fhuair Caol Bhòid air ais a-staigh dhan gheama, gu dearbh 's ann a bha còir acasan a bhith air an treas tadhal fhaighinn.
¹óì»å±ð²¹²µ
Chuir Friseal Dòmhnallach am ball dhan lìon ach bha an rèitire ro sgiobalta leis an fhìdeag, is e air slaic-saor a thoirt gu Caol Bhòid mus deach an tadhal a chur.
Chum sgioba a chinn a deas a' dol ge-tà agus a dh' aindeoin gach oidhirp a' Bhail' Ùir, cha d'thà inig iad ro fhaisg air an tadhal a bha a dhìth orra fhaighinn.
Chrìochaich an geama 2-1 agus duais sà r-chluicheadar an là gu Calum Miller - 's e a bha airidh air.
Beagan eachdraidh ma thà is Inbhir Aora agus Caol Bhòid gus coinneachadh sa chuairt dheireannaich san Òban air an 15mh den t-Sultuin.
'S e seo a' chiad chuairt dheireannach eadar dà sgioba bhon cheann a deas bho 1983, nuair a rinn Caol Bhòid a' chùis air Strath Chura 3-2, agus a' chiad turas a bhios seann nà imhdean Inbhir Aora is Caol Bhòid air coinneachadh aig an ìre seo.
³¢Ã¬´Ç²µ
Fhads a bha Caol Bhòid a' dèanamh ghà irdeachais aig an deireadh-sheachdain, 'b ann a bha na nà baidheach aca air taobh eile a' chaoil tùrsach, is Eilean Bhòid a' call an à ite aca sa Phrìomh ³¢Ã¬´Ç²µ.
'S e briseadh-dùil mòr a bha san t-seusan seo dha na h-eileanaich agus bha droch là eile aca Disathairne, is iad 4-0 air deireadh an aghaidh Inbhir Aora aig lethach ùine.
Chrìochnaich an geama 5-1 agus Eilean Bhòid a' tilleadh gu ³¢Ã¬´Ç²µ Deas 1 an ath-bhliadhna.
Sna geamaichean eile sa Phrìomh ³¢Ã¬´Ç²µ shoirbhich le Gleann Urchadain san dearbaidh aca an aghaidh Lòbhait, 3-1, agus thà inig an Gearasdan air ais bho 0-3 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich gus buannachadh 4-3.
Ann an ³¢Ã¬´Ç²µ Tuath 3 thà inig seusan Chamanachd Leòdhais gu ceann le brag, is iad a' call 12-0 an aghaidh na Manachain, a bhuannaich an lìog.
Thèid an spà inn fhiodha gu Inbhir Nis ge-tà , is mar sin faodaidh na Leòdhasaich a bhith gu math riaraichte leis an adhartas a rinneadh san darna seusan aca san lìog.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Lùnastal 2012