91Èȱ¬

Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich

  • Air fhoillseachadh
Inbhir AoraTùs an deilbh, Neil G Paterson
Fo-thiotal an deilbh,

Cluichidh Inbhir Aora sa chuairt dheireannaich san Òban air an ath-mhìos.

Chaidh Inbhir Aora air adhart gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd nuair a rinn iad a' chùis air Ceann Loch Seile 3-1.

Bha cabadaich gu leòr ro-làimh mun eòlas a bharrachd a th'aig Inbhir Aora air geamaichean mòra an taca ri Ceann Loch Seile, a bha a' cluich san iar-chuairt dheireannaich son a' chiad uair.

Math dh'fhaodte gur e sin a bu choireach son cho luath - agus cho slaodach - a thòisich an dà sgioba.

Cha robh ach mionaid air a chluich nuair a chaidh Inbhir Aora air thoiseach agus Garry Mac a' Phearsainn air an tadhal.

Trì mionaidean as-dèidh sin is bha balaich Earra-Ghàidheal air a' bhearn a dhùblachadh, slaic àlainn gu mullach an lìon bho Èoghainn MacMhurchaidh son an gnothach fhàgail aig 2-0.

Eiginn

Bha Ceann Loch Seile ann am fìor eiginn ach sheas iad gu làidir is thàinig iad faisg air tadhal fhaighinn air ais as-dèidh dusan mionaidean, Fionnlagh MacRath a' slaiceadh a' bhuill far a' phuist.

Cha b' fhada gus an d'thàinig an tadhal ge-tà, mearachd bho Ghraham Mac a' Phearsainn eadar na puist aig Inbhir Aora a' fàgail cothrom furasta aig Cè MacRath agus bha Ceann Loch Seile air ais sa gheama aig 2-1.

'B ann mar sin a bha e aig letheach ùine is gun chus idir eadar na sgiobaidhean.

Bha an ath-thadhal gu bhith fìor chudromach is 'b iad Inbhir Aora a fhuair e as-dèidh 51 mionaidean.

'B e Crìsdean Crawford a chruthaich an cothrom, ball àlainn bhuaithe gus loidhne-dìon Chinn Loch Seile fhosgladh mar chanaistear de phònairean.

Chuir sin Garry Mac a' Phearsainn a-staigh is stiùir esan am ball dhan lìon son Inbhir Aora a chur gu 3-1.

²Ñù³¦³ó²¹»å³ó

Bha an gnothach an ìre-mhath seachad aig a sin agus Inbhir Aora a' mùchadh a' gheama gu èifeachdach.

Balaich Earra-Ghàidheal troimhe agus le Russell MacFhionnlaigh gu bhith air ais airson na cuairte deireannaiche bidh iad misneachail gun urrainn dhaibh an cupa a thogail son a' chiad turas bho 2004.

Briseadh-dùil do Cheann Loch Seile ach bidh iad air tòrr ionnsachadh am bliadhna agus le sgioba òg bidh cothroman eile aca anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Gheibhear a-mach Disathairne seo tighinn cò an sgioba eile a bhios san chuairt dheireannaich is Caol Bhòid a' dol an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh.

Sa Phrìomh Lìog bha am Bail' Ùr nan tàmh aig an deireadh-sheachdain is ghabh Caol Bhòid brath air a son a dhol gu mullach na lìge, a' buannachadh 3-1 an aghaidh a' Ghearasdain.

Làmh an uachdair

'S ann aig a' Bhail' Ùr a tha làmh an uachdair fhathast ge-tà is dà gheama a bharrachd aca ri cluich.

Rinn Gleann Urachadain cinnteach air an àite acasan sa Phrìomh Lìog nuair a rinn iad a' chùis air Ceann a' Ghiuthsaich 1-0.

Chuir sin às cuideachd gu ìre mhòr dha dòchas sam bith a bh'aig Ceann a' Ghiuthsaich air an tiotal.

Chrìochnaich an geama mòr ann an Lìog Tuath 1 eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abar co-ionnan 0-0.

Bidh na h-Abraich nas toilichte le sin agus tha iad fhathast gun gheama a chall san lìog air an t-seusan seo.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh