Main content

Seumas Greumach - Am Fiadh

James Graham - The Deer

O càit’ am facas, a’ falbh air faiche,
A’ siubhal leacainn no ’g astar slèibh,
Le bhian dearg maiseach, le sheang-chruth bras-mhear,
Bu bhòidhche pearsa na mac an fhèidh,
A chuinnean fiata sa ghaoith ’s e dian-ruith
Feadh thoman riabhach nan cian-bheann ceò,
Le àrd-uchd àlainn, le chabar cràcach
’S le eangaibh sàrchlis an àm na tòir.

Gur binn am chluasaibh na langan uaibhreach
A thig on ruadh-ghreigh on chruachan àrd,
Gur grinn air fuaran an eilid chuannda,
’S a laogh mun cuairt di ri luaineis bhàth,
An cluas gu claisteachd, an sùil gu faicinn,
An cinn ’s an casan co-ghrad gu lèir,
B’ i ’n obair uasal a bhith gan cuartach,
’S a’ caitheamh luaidhe le buaidh nan dèidh.

Gur tric a dh’èirich mi shiubhal slèibhe,
Ro shoillse grèine, ’s a rinn mo làmh
An làn-damh nuallach a chur na thuaineal,
’S a thoirt gu h-uallach on fhuaran bhlàr.
Ach, nis, on ghèill iad – mo neart ’s mo spèiread,
’S nach dèan mi èirigh ach mall gu triall,
Cha tog mi aonach le gadhar aotrom,
’S cha dèan mi faobhach air sraod nam bian.

Release date:

Duration:

3 minutes