Main content

Julie Fowlis - Smeòrach Chlann Dòmhnaill

Hoilibheag hilibheag hò aill il ò,
Hoilibheag hilibheag hò rò ì,
Hoilibheag hilibheag hò aill il ò,
Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.

Smeòrach mis’ air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail,
Gun deòrachd a thèid nas fhaide,
Truimid mo bhròn, thoirleum m’ aigne.

’N tìr nach caol ri cois na mara,
An tìr ghaolach, chaomhach, channach,
An tìr laoghach, uanach, mheannach:
tìr an arain, bhainneach, mhealach.

An tìr riabhach, ghrianach, thaitneach,
an tìr dhìonach, fheurach, fhasgach,
an tir lèanach, laghach, lachach,
’n tìr ’m bi biadh gun mhiadh air tacar.

An tìr chròiceach, eòrnach, phailte,
An tìr bhuadhach, chluaineach, ghartach,
An tìr chruachach, sguabach, ghaisneach,
Dlùth ri cuan, gun fhuachd ri sneachda.

Measg Chlann Dòmhnaill fhuair mi m’ altram-
Buidheann nan seòl ’s nan sròl dathte,
Nan long luath air chuantaibh farsaing,
Aiteam na ciùin rùsgadh ghlaslann.

Release date:

Duration:

3 minutes

Credits

Role Contributor
Unknown Julie Fowlis