Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
An ceum mu dheireadh air an t-slighe gu Paris
- Ù²µ³ó»å²¹°ù, Alasdair MacIllinnein
- Dreuchd, Fear-naidheachd Spòrs, Dùn Èideann
Tha bliadhnaichean de dh'obair chruaidh a' tighinn gu buil an t-seachdain seo.
Tha Kara Hanlon air a bhith a' snà mh bho aois gu math òg. Slighe gu math fada a th' air a bhith ann dhi, bho là ithean buidhe a h-òige ann an amar-snà imh Lionail fo stiùir DR Mhoireasdain, gu Geamannan Eadar-nà iseanta nan Eilean fo chomhairle a pà rantan Daibhidh agus Marilyn.
Geamannan a' Cho-fhlaitheis fo bhratach na h-Alba, agus a' riochdachadh Bhreatainn aig farpaisean na Cruinne. Tha Kara air a dhol bho neart gu neart thar nam bliadhnaichean.
A-nise, tha an cothrom aice an ìre as à irde a ruighinn. Amas a th' aig cha mhòr a h-uile lùth-chleasaiche. Na Geamannan Oilimpigeach.
Mar a shaoilear, tha là ithean dùbhlanach air thoiseach oirre. Tha farpaisean snà imh Bhreatainn gan cumail san amar a chaidh a chleachdadh airson Geamannan Oilimpigeach Lunnainn ann an 2012.
Tha cuideam ann co-dhiù a bhith an sàs aig an ìre seo fhèin - ach cuideam nas motha buileach leis gu bheilear a' cleachdadh nam farpaisean mar rèisean dearbhaidh Sgioba GB airson nan geamannan ann am Paris aig an aon à m.
"Tha thu a' bruidhinn mu rud mu bheil mi air a bhith ag aisling bho bha mi na mo nighinn òig, a' tòiseachadh aig cluba snà imh. Bhiodh e a' ciallachadh an t-uabhas - fiù 's barrachd air sin.
"Bhiodh e cho sònraichte an obair chruaidh a tha sin thar bhliadhnaichean a thoirt gu buil le rud mar seo.
"Bhiodh e sònraichte cuideachd dìreach sealltainn gun urrainn do dhuine sam bith a dhèanamh.
"A' coimhead air cà ite às an tà inig mi fhèin, agus an t-slighe a th' air a bhith agam, 's urrainn do dhaoine fhathast an ìre as à irde a ruighinn."
Tha dà chothrom aig Kara faighinn don sgioba, agus i an sàs ann an rèisean breastsroke thairis air 100m & 200m. Chrìochnaich i san dà rna à ite san dearbh fharpais an-uiridh thairis air 200m, ach nas cudromaiche na sin, thog i am bonn òir thairis air 100m. Le sin, tha là n-fhios gu bheil an comas aice soirbheachadh, ach tha i a' tuigsinn gu bheil obair aice ri dhèanamh an t-seachdain seo.
"Thairis air 100m, 's e an ùine as luaithe agam gu ruige seo, 1:06:36. Tha an ùine dearbhaidh beagan nas luaithe na sin aig 1.06.31.
"Le sin tha e gu math faisg air an à m as luaithe riamh agam.
"Thairis air 200m, 's e 2:25:01 an ùine as fheà rr agam, ach airson na farpais dearbhaidh, feumaidh mi crìochnachadh fo 2:23:00.
"Feumaidh mi snà mh nas luaithe na rinn mi riamh roimhe anns gach rèis gus faighinn troimhe.
"Ach 's ann air na Geamannan Oilimpigeach a tha sinn ag amas, mar sin chan eil e na iongnadh gu bheil na h-amannan dearbhaidh cho luath sin."
Aon bhuannachd a th' ann air thoiseach air na farpaisean, 's e gu bheil Kara a-nise eòlach air a bhith a' farpais aig an ìre as à irde - agus an cuideam a tha a' tighinn na chois.
Tha i air a bhith air feadh an t-saoghail a' riochdachadh Bhreatainn aig farpaisean san Roinn Eòrpa, agus bha i ann an Iapan an-uiridh, an sàs aig farpaisean na Cruinne.
Sin uile a bharrachd air Geamannan a' Cho-fhlaitheis ann am Birmingham bho chionn dà bhliadhna far an do rà inig i gach cuairt dheireannach air an robh i ag amas. Cothroman air leth, agus tha i a' faicinn gu bheil i a' fàs nas comhurtaile aig an ìre as à irde.
"Tha mi a' creidsinn gu bheil mi a' cur barrachd cuideim orm fhèin, na tha duine sam bith eile.
"Tha mi air a bhith ag obair le saic-eòlaiche gus ionnsachadh mar a dhèiligeas mi le uallach agus mar a tha mi a' faireachdainn air thoiseach air farpaisean.
"Tha mi a' faireachdainn math a-nise, tha mi socair, ciùin an coimeas ri mar a bha mi.
Atharraichidh sin beagan mun à m a thig rèisean Lunnainn, ach tha sin nà darra. Tha mi dòchasach agus misneachail ge-tà .
"Chanainn gu bheil an dà bhliadhna mu dheireadh uile air a bhith mar phà irt den ullachadh airson à m mar seo."
Tha Kara a' farpais thairis air 200m Diciadain, mus bi beagan là ithean aice aig fois.
Tha i an uair sin air ais anns an amar Là na Sà baid - far am bi beagan a bharrachd taic ann dhi, agus a teaghlach a' dèanamh air Lunnainn gus a faicinn a' farpais.
Cha bhi iad nan ònrachd a' cumail sùil air mar a thèid dhi, agus deagh theansa gum bi a' choimhearsnachd às an tà inig i a' leantainn a sgeulachd, mar a tha iad air a dhèanamh aig gach ìre ron seo.
Tha Kara fhèin mothachail agus taingeil airson na taic sin, a bharrachd air a bhith a' faireachdain fortanach.
"Tha mi gu math taingeil a bhith san t-suidheachadh seo. Cò mheud neach as urrainn a rà dh, gu bheil cothrom ceart aca air na Geamannan Oilimpigeach a ruighinn?
"Ma gheibh mi ann, no mura faigh, tha mi air feuchainn air co-dhiù. Tha mi air na 's urrainn dhomh a dhèanamh, agus tha mi dìreach an dòchas gu bheil gu leòr an sin gus mo thoirt ann."