Trì buinn snà imh do sgioba nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh
Ghlèidh Kara Hanlon bonn òir ann an dà fharpais feasgar Dimà irt ann an Gotland: 200m breastroke agus 200m IM.
Bha Kara air farpais 200m breaststroke a ghlèidheil aig Geamannan Jersey cuideachd bho chionn dà bhliadhna.
Chaidh aig Kathryn Offer air bonn umha a bhuannachadh san rèis 100m backstroke.
Aig raon nan lùth-chleasan ann an Gutavallen, thilg Eve Carrington astar 10.99 airson bonn airgid a chosnadh ann am farpais Shot Put. Adhartas do Eve or b' e bonn umha a fhuair i ann an Jersey.
Na bu thrà ithe air an là dhìon Kerry agus Ciorstaidh Nic a' Phì duaisean a ghlèidh iad fhèin ann an Jersey ann an 2015 le bhith air thoiseach air cà ch. Thà inig Kerry tarsainn na loidhne sa chiad à ite, a' togail buinn-òir agus Ciorstaidh san dà rna à ite a' faighinn buinn airgid. Air sgà th seo ghlèidh na peathaireachain Nic a' Phì bonn-òir na sgioba cuideachd.
Anns an treas geama sa bhuidhinn aca bha sgioba nam balach a' cluiche sgioba Froya ann am farpais a' bhuill-choise, 's rinn iad a' chùis san fharpais airson a' chiad turais, 4-2, leis na tadhal a' tighinn bho Mhicheal R. Mac a' Ghobhainn, dhà bho Aonghas MacDhòmhnaill, agus Stiùbhart Rothach. Bidh iad a-nis a' cluiche Diardaoin an aghaidh Eilean Hitra airson an fharpais a chrìochnachadh san 11mh neo 12na à ite.