SWPL: Rangers fhathast aig a' mhullach
- Air fhoillseachadh
Tha Rangers fhathast ceithir puingean air thoiseach aig mullach an SWPL às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Hibs 3-0 ann an Dùn Èideann.
Choisinn Celtic agus Glasgow City na trì puingean gu lèir cuideachd is iadsan fhathast co-ionnann air puingean san dà rna agus an treasamh à ite.
Thug e dìreach còig mionaidean do Celtic a' chiad tadhal aca fhaighinn an aghaidh Phartick Thistle agus chrìochnaich cùisean 6-0.
Aig Pà irce Petershill, bha City nas luaithe buileach leis na tadhail le Hayley Lauder a' cur an sgioba aice air thoiseach dìreach dà mhionaid a-steach dhan gheama.
Chùm iad orra san dearbh dhòigh agus bhuannaich City 8-1.
Shoirbhich Hearts airson an treasamh uair sreath a chèile le bhith a' tighinn am bà rr an aghaidh Dundee United 3-0.
Shreap Tobar na Mà thar nas fhaide air falbh bhon bhonn is iad a' dèanamh a' chùis air Spartans 4-1.
Atharrachadh aig a' bhonn
A dh'aindeoin 's nach do bhuannaich Mon Rois geama san SWPL bho mheadhan na Dùbhlachd, abair gun do thill iad gu là idir Didòmhnaich.
Cha robh tadhal sam bith ann sa chiad leth an aghaidh Hamaltan ach thà inig piseach air Mon Rois agus chuir iad seachd tadhail san dà rna leth gun fhreagairt.
Tha siud a' ciallachadh gu bheil iad trì puingean far a' bhonn air thoiseach air Dundee United agus Hamaltan.
Bha seo air thoiseach air sgaradh na lìg, a chaidh a dhèanamh feasgar Didòmhnaich, far a bheil am prìomh sia agus an sia aig a' bhonn a' cluich am measg a chèile airson a' chòrr dhen t-seusan.
A bheil Rangers cus air thoiseach?
Siud a' cheist air bilean dhaoine le Rangers fhathast ceithir puingean air thoiseach air Celtic agus Glasgow City.
Ach dh'fhaodadh cùisean atharrachadh ann am priobadh na sùile 's na sgiobaidhean a' cluich an aghaidh a chèile dà thuras ro dheireadh an t-seusain.
Sheall na trì sgiobaidhean aig a' mhullach gu bheil iad cho là idir sa b' urrainn dhaibh a bhith aig an à m seo dhen bhlaidhna - fiù 's às dèidh do Rangers agus Celtic crìochnachadh co-ionnann sa chuairt mu dheireadh san SWPL, mus do chuir greis eadar-nà iseanta stad air cùisean.
Ma tha Rangers airson a' chiad à ite a chumail thar nan seachdainean ri thighinn, bidh aca ri togail air a' gheama Didòmhnaich an aghaidh Hibs às dèidh dhaibh puingean a chall an aghaidh Celtic agus Partick Thistle sna beagan sheachdainean a dh'fhalbh.
'S urrainn do Rangers no Celtic cùisean a dhùnadh no fhosgladh suas gu mòr san ath-gheama aca is iad a' cluich an aghaidh a chèile air an 17mh dhen Mhà rt.
Cuideam aig a' bhonn cuideachd?
Le dìreach trì puingean an diofar eadar an 9mh agus an 12na à ite san SWPL, tha e gu bhith inntinneach aig a' bhonn cuideachd ro dheireadh an t-seusain.
'S iad Spartans agus Mon Rois a tha a' suidhe le 13 puingean agus 's iad Dundee United agus Hamaltan a tha air an cùlaibh le 10 puingean.
Thèid an sgioba a chrìochnaicheas aig a' bhonn sìos gu SWPL 2 an ath-sheusan gun chèist ach cha bhith sgioba sam bith cofhurtail crìochnachadh san 11mh à ite, far a bhios feum aca playoff a chluich.
Dh'fheumadh iad cluich an aghaidh an sgioba a chrìochnaicheas san dà rna à ite ann an SWPL 2 agus le Cille Mheà rnaig an sin an-drà sta le cho math sa tha iadsan air a bhith a' cluich gu ruige seo, tha fios gum bi batal ann gus playoff nan aghaidh a sheachnadh agus à ite sa phrìomh lìg a chumail.