County sà bhailte is Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear
- Air fhoillseachadh
Bidh Ross County sa Phrìomh Lìog a-rithist an ath-sheusan às dèidh an gnothach a dhèanamh air Raith Rovers anns na play-offs.
Bhuannaich County 4-0 ann an Inbhir Pheofharain Didòmhnaich, 6-1 thairis air an dà gheama.
Thà inig dearbhadh cuideachd gum bi Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear is e air County a' stiùireadh gu sà bhailteachd.
Bha County air a dhol gu breaban-peanais anns na play-offs an aghaidh Phartaig Thistle aig an à m seo an-uiridh ach bha cùisean gu math na bu chofhurtaile dhaibh an turas seo.
Chaidh iad air thoiseach le tadhal bho Shìm Moireach is 19 mionaidean air an cluich, tadhal a thà inig nuair a bha Raith a' cluich gu math.
Chuir Jordan White an uairsin tadhal trà th san dà rna leth gus na Staggies fhà gail ann an suidheachadh fìor là idir.
Thà inig a dhà eile bhon Mhoireach a-rithist is Brandon Khela sa chairteal na h-uaireach mu dheireadh is County air an dòigh.
Dhearbh cathraiche Chounty às dèidh là imh gum bi Don Cowie a' fuireach mar mhanaidsear.
Thuirt Roy MacGriogiar gun robh Cowie ag iarraidh na h-obrach nuair a dh'fhà g Malky MacAoidh Inbhir Pheofharain is gun do rinn e fhèin mearachd le Derek Adams fhastadh na à ite aig an à m sin.
Dh'innis MacGriogair gun robh Cowie gus an obair fhaighinn ge bith dè bhiodh air tachairt anns na play-offs.
"Bhruidhinn mi ris a' chathraiche is tha sinn air an aon rà mh", thuirt Don Cowie.
"Bha mi a' faireachdainn bho chionn trì mìosan gun robh mi deiseil 'son obair a' mhanaidseir is tha mi nas cinntiche fiù 's a-nise.
"Moiteil às na balaich oir bha cothrom againn na play-offs a sheachnadh, ach nuair a thachair e dhèilig sinn leis fìor, fìor mhath".
Thuirt manaidsear Raith, Iain Moireach, gun robh e a' faireachdainn gun robh 6-1 gu math cruaidh air an sgioba aige, ach rinn e moladh air cho geur 's a bha County air beulaibh an tadhail.
Thuirt am Moireach gum bi an sgioba aige ag amas air an lìog a bhuannachadh an ath-sheusan.