Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
ICT feumach air £200,000 gus rianachd a sheachnadh
Tha Caley Thistle Inbhir Nis feumach air £200,000 san ath chola-deug gus rianachd a sheachnadh.
Nochd an rabhadh ann an litir a chuir cathraiche a' chluba gu luchd nan earrannan.
Ged a bha Ailean Savage air innse aig deireadh na Lùnastail gun robh ICT "air an sà bhaladh bho rianachd", tha aithrisean an t-seachdain seo air ceistean ùra a thogail.
Anns an litir aige, tha Panos Thomas ag rà dh gum bi feum air eadar £1.4m is £1.6m gus an cluba a chumail a' dol gu deireadh an t-seusain - agus seo nan crìochnaicheadh iad san dà rna à ite san lìog.
Chan eil seo a' toirt a-steach £350,000 a chuir Ailean Savage dhan chluba mar-thà , is Mgr Thomas ag rà dh nach urrainn dhan chluba a bhith an eisimeil taic bho Mhgr Savage a' dol air adhart.
Tha an litir cuideachd a' mìneachadh nam fiachan a tha air Caley Thistle.
Nam measg tha £600,000 do HMRC is £170,000 ma chailleas an cluba cùis-lagha a thog am fear a bha na à rd-oifigear aca nan aghaidh.
Thèid iomairt air a bheil Save ICT Fund a chur air dòigh leis an amas £200,000 a thogail ron 16mh den Dà mhair, air neo thathar ag rà dh nach bi dol às ann ach a dhol ann an rianachd.
Tha an litir cuideachd a' dearbhadh gu bheil an cluba air bruidhinn ris an SPFL is ri luchd-rianachd fhèin, air eagal is gur e sin an rathad air an tèid iad.
Dh'innis Mgr Thomas cuideachd gum bi coinneamh fhosgailte ann do luchd nan earrannan, luchd-taic, is daoine eile le ùidh sa chùis aig Pà irce Chaledonian Diluain seo tighinn aig 7.30f.