Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Na boireannaich a bha riatanach gus Kim Avis a thoirt gu lagh
Cha robh Jade Skea ach na deugaire nuair a choinnich i ri Kim Avis, a bha aithnichte san sgìre agus a bha a' reic seudraidh air an t-srà id.
Cha robh for aice an uair sin gum biodh an cà irdeas a mhair deich bliadhna - cà irdeas anns an do dh'fhulaing i droch-dhìol - gu bhith an teis-mheadhan rannsachadh eadar-nà iseanta agus cùis-lagh san à rd-chùirt.
Chuir Jade eòlas air Avis trà th anns na 2000an nuair a bha stà l aige air an Àrd-shrà id ann an Inbhir Nis, nuair a bhiodh i fhèin agus na caraidean aice a' tadhal air.
Mun à m a bha i mu 18 bliadhna bha i air a bhith ri suirghe le Avis, a bha còrr is 40 bliadhna de dh'aois.
"Cha robh e coltach ri inbhich eile,", thuirt Jade. "Bha sinn a' faireachdainn gun robh e na cho-aoise dhuinne."
Fhad 's a lean an cà irdeas eatorra, rinn Avis a dhìcheall gus Jade a chumail air falbh bho a teaghlach agus daoine eile, agus mhothaich i gun robh taobh eile air a charactar aige.
"Thà inig e a chèilidh orm aon oidhche agus bha an dol-a-mach aige air feadh an à ite, agus bha rudeigin ga chur troimh-chèile," thuirt i.
"Sheas e air bòrd a bha taobh a-muigh a' charabhan agus thòisich e a' donnalaich agus fuaimean neònach eile a dhèanadh beathaichean."
Thuirt Jade gun do dh'èignich e i airson a'chiad turais às dèidh sin.
Ann an 2015, às dèidh dhith foirneart fhulaing fad bhliadhnaichean, cho-dhùin Jade rudeigin a dhèanamh.
"Cha robh dùil aige gun cuirinn-sa fios air na poilis," tha i ag rà dh.
"Chan eil mi a' smaointinn gun robh e den bheachd gun robh an comas sin agam. Tha mi an dùil gun do chuir sin iongnadh air."
Casaidean
Cha robh Jade na h-aonar.
Thà inig triùir bhoireannach eile air adhart airson innse mar a chaidh an èigneachadh le Avis thairis air grunn bhliadhnaichean. Bha dithis aca nan cloinn aig an à m.
Nochd Kim Avis anns a' chùirt fo chasaidean èigneachaidh agus ionnsaighean drabasta an aghaidh ceathrar bhoireannach.
Chaidh a shaoradh air urras agus dùil ris a' chùis eucoir sa Mhà irt 2019. Ach cha bhiodh sgeul air Avis.
Reic e an taigh aige 'son £245,00 agus cheannaich e ticead-adhair dha na Stà itean Aonaichte.
Bha e air gluasad gu 'Traigh na Manchainn', Carmel-by-the-sea ann an California.
'S e "Mortuary Beach" a bha aig muinntir na sgìre air an à ite - air sà illeabh na h-à ireimh de dhaoine a chaidh a bhà thadh anns a' mhuir faisg air là imh.
Chuir am mac as sine aig Avis, a bha còmhla ris anns na Stà itean, brath air na seirbheisean èiginn 's e ag rà dh gun robh athair air a dhol a dhìth.
Às dèidh iomairt-teasairginn a mhair trì là , thà inig e am follais nach robh an aithris fìor, agus chaidh Avis fhaicinn suas is sìos a'chosta.
Grunn mhìosan às dèidh sin, nochd fireannach le dual-chainnt neo-à bhaisteach ann an Colorado Springs, mu 1,300 mìle air falbh bho far an deach Avis a dhìth, 's e a' reic chlachan agus sheudan.
B' e 'Camshron MacGriogair' ainm an duine, agus chosgadh e mu $3,000 air stà l a bha air a ruith le boireannach air an robh Angie.
"Bha e gu math seòlta," thuirt Angie. "Bha fios agam gun robh rudeigin ceà rr."
Chuir i eòlas air an duine a bha ag rà dh gur e Albannach a bh'ann. Thuirt i gun robh coltas robach air ach bha daonnan airgead gu leòr aige.
Dh'innis e dhith gun robh cead-siubhail Aimeireaganach aige.
"Thuirt mi 'seall dhomh do chead-siubhail,' agus chaidh e as a rian. Dh' fhalbh e anns a' chà r fad uair de thìde.
"Thuirt mi rium fhèin 'tha rudeigin nach eil ceart, tha seo anasach, tha seo neònach'."
Cha robh Angie a' creidsinn gur e Camshron MacGriogair a bh'anns an fhear a bha gabhail sin air fhèin.
"Tharraing mi dealbh de chlà r-à ireamh a' chà ir aige. Bha caraid agam anns na poilis agus dh' iarr mi air sgrùdadh a dhèanamh."
Tha Angie ag rà dh gun do dh'fhòn na US Marshals thuice, buidhean an riaghaltais a bhios a lorg eucoirich eadar stà itean. Dh' iarr iad oirre cumail air falbh bhuaithe agus iad ag rà dh gu robh e cunnartach.
Dh'iarr iad fiosrachadh air cà ite an robh Avis a' fuireach agus cà ite an deach e.
Bha iad air pìosan fiosrachaidh eile fhaotainn cuideachd mu dheidhinn Avis a bhith anns an sgìre.
Fhuair iad dearbhadh gu robh Avis ann an taigh-òsta.
Le taic o na poilis ionadail, chruinnich na Marshals mu thimcheall agus rinn iad feitheamh.
Chaidh na diogan mu dheireadh aig Avis na dhuine saor a chlà radh air camarathan bothaige a bh' air na poilis.
Chaidh a ghluasad gu prìosan feadaralach agus e feitheamh gus an deadh a chur air ais a dh'Alba.
Nuair a chaidh a chuir ann an greim, bha còrr air $50,000 aige agus buinn òr. Bha bhan ùr aige cuideachd a cheannaich e anns na Stà itean Aonaichte.
Tha Angie ag rà dh nach b' urrainn dhaibh na nithean sin a thoirt dhà air ais agus chaidh ùghdarras neach-ionaid a thoirt dhith.
Reic i am bhan airson $20,000 agus chuir i a' mhòr-chuid den chòrr thuige thuirt i. Tha Avis ag rà dh nach d' fhuair e sgillinn ruadh.
Thadhail Angie air Avis trì tursan fhad's a bha e anns a' phrìosan. Cha robh for aige gum faodadh gur i bh' air cùl mar a chaidh a chuir ann an greim.
An turas mu dheireadh a chunnaic i e, bha e anns a' phrìosan ann an Alba. Nuair a chunnaic i e ann am prìosan ann an Dun-Èideann, roghnaich i innse dha mar a chaidh greim fhaighinn air.
Cha robh e air a dhòigh.
"Thuirt mi 'chan eil thu tuigsinn. Dh'innis thusa breugan don bhan-Ameireaganach cheà rr."
Ceartas
As dèidh mìosan a' ruith, iomairt eadar-nà iseanta agus ùidh nam meadhanan, bha Avis air ais agus a' dol air beulaibh na cùirteach.
Còrr air dà bhliadhna as dèidh dha dhol a dhìth far chosta Chalifornia, chaidh a dhìteadh air casaidean èigneachaidh agus eucoirean feiseil an aghaidh cheathrar bhoireannach anns an Òg-mhìos 2021.
Chaidh binn 15 bliadhna sa phrìosan a chuir air - 12 airson nan eucoirean feise agus trì bliadhna mar pheanas agus e air faileachdainn air nochdadh sa chùirt.
Chaidh a thoirt gu HMP Dhun Èideann far a bheil e fhathast an-diugh.
"Cha bu chòir gun deadh a shaoradh gu siorraidh," tha Jade ag rà dh.
"Tha e na chunnart do dhuine sam bith a thèid faisg air ann an dòigh air choireigin. Thèid duine sam bith a bhios timcheall air fada bhuaithe buileach.
"Tha mi smaoineachadh nach bu chòir dha a bhith a-muigh am measg a' phobaill gu siorraidh brà th."
Ma tha gin de na rudan a tha a' nochdadh san artagail sa a' dèanamh dragh dhut, tha taic is comhairle ri fhaotainn tro 91Èȱ¬ Action Line.