15 bliadhna sa phrìosan do Khim Avis
- Air fhoillseachadh
Chaidh fear a chleachd a bhith a' reic seudraidh air an t-srà id an Inbhir Nis a chur dhan phrìosan airson 15 bliadhna airson eucoirean feise a rinn e air a' Ghà idhealtachd eadar 2006 agus 2017.
Dh'fheuch Kim Avis ri ceartas a sheachnadh le bhith a' teicheadh dha na Stà itean agus le bhith a' toirt a chreids gun deach a bhà thadh ann an California.
Sgèith Avis, 57, a Los Angeles anns a' Ghearran 2019.
Naoi là às dèidh dha a dhol dha na Stà itean, thuirt a mhac ris na poilis an sin gun deach e a dhìth aig Trà igh Monastery, is e ag rà dh gun deach e a shnà mh 's nach do thill e.
Amharas
Chaidh sgrùdadh mòr a dhèanamh, ach cha deach a lorg, agus shaoil an siorraidh ionadail gun robh a' chùis amharasach.
Rinn an siorraidh rannsachadh agus fhuair e a-mach gun deach casaidean feiseil a chur an aghaidh Avis ann an Alba.
Còig mìosan às dèidh sin, chaidh a lorg ann an Colorado 1,300 mìle air falbh bho Thrà igh Monastery.
Ciontach
Chaidh Avis fhaighinn ciontach de 14 casaidean, nam measg, gun do dh'èignich e triùir bhoireannach agus gun do dh'fheuch e ri tè èigneachadh nuair a bha i 12 bliadhna a dh'aois.
Chaidh fhaighinn ciontach cuideachd de ionnsaigh dhrabasta air nighean 11 bliadhna a dh'aois.