County air Malky MacAoidh a chur às a dhreuchd
- Air fhoillseachadh
Tha Ross County air Malky MacAoidh a chur às a dhreuchd mar mhanaidsear a' chluba.
Bha connspaid gu leòr ann nuair a chaidh MacAoidh fhastadh as t-samhradh 2021 ach bha a' chiad sheusan aige soirbheachail is na Staggies a' crìochnachadh sa phrìomh shia san lìog.
Cha robh cùisean cho math dhaibh air an t-seusan seo chaidh is County a' cumà il à ite sa Phrìomh Lìog air èiginn air breaban-peanais ann am play-off an aghaidh Phartaig.
Tha uallach air a bhith air MacAoidh anns na seachdainnean mu dheireadh is County an-drà sta còmhla ri Baile Dhunlèibhe aig bonn na lìge le 10 puingean.
Chan eil iad air geama a bhuannachadh bho thoiseach na Sultaine.
Dh'innis an cluba Diciadain gun robh coinneamh aig a' chathraiche Roy MacGriogair is an CEO Steve Fearghasdan le MacAoidh, is gun deach co-dhùnadh gun robh an t-à m ann atharrachadh a dhèanamh.
"Thug Malky tòrr a bharrachd dhan chluba na dìreach a bhith na mhanaidsear", thuirt Roy MacGriogair.
"Tha sinn airson taing mhòr a thoirt dha is tha sinn a' guidhe gach soirbheachas dha", thuirt e.