Hanson: "Tha sinn deiseil airson an ath-cheum"
- Air fhoillseachadh
Dìreach seachd mìosan air ais, bha sgioba nam ban aig Alba ann an staing.
Bha dìth misneachd am measg an luchd-taic is Alba gun geama a bhuannachadh san iomairt air fad aca ann an Lìog nan Nà iseanan aig ìre A agus iad air call 6-0 an aghaidh Shasainn sa gheama mu dheireadh aca ann.
B' e sin an droinneadh a bu chruaidhe bho chaill iad 8-0 an aghaidh na Spà inne ann an cuairtean dearbhaidh Chupa na Cruinne.
B' e seòrsa de chlach-mhìle a bh' ann dhaibh oidhche Mhà irt ge-tà , an aghaidh Serbia ann an Glaschu, is dòchas faighinn gu Euro 2025 a-nise a' sìor fhà s.
Bha à ite aig Alba san ath chuairt den fharpais dearbhaidh cinnteach mar-tha a' dol a-steach dhan gheama mu dheireadh aca de Bhuidhinn B an aghaidh Serbia aig Pà irce Firhill.
Bhuannaich iad ceithir geamaichean agus chrìochnaich iad co-ionnann san fhear eile - gam fà gail co-ionnann ri Serbia aig a' mhullach ach le ceist cò rachadh suas gu Ìre A air a' cheann thall.
Cha robh an t-uabhas de chuideam orra ma-tha - ach bha adhbhar gà irdeachais ann aig là n-ùine.
Le bhith a' faighinn nan trì puingean agus le bhith a' crìochnachadh sa chiad à ite ann am Buidheann B2, tillidh Alba gu Lìog A far a bheil na sgiobaidhean às fheà rr san Roinn Eòrpa a' cluich.
Seo uile air sgà th tadhal Kirsty Hanson le 39 mionaidean air a' chleoc - an ceathramh tadhal aice do dh'Alba.
"Tha sinn deiseil air a shon!", thuirt Kirsty Hanson ri 91Èȱ¬ ALBA à s dèidh a' gheama.
"Tha sinn air a' chiad amas againn a choileanadh, ach chan eil sinn idir faisg air an amas as motha againn.
"Tha barrachd ri thighinn bhuainn," gheall i.
'S e a bhith a' cluich aig Euro 2025 san Eilbheis am prìomh amas an-drà sta ach dè tha romhpa airson sin a dhèanamh?
An ath cheum
Thèid an taghadh a dhèanamh airson na ciad chuairt den fharpais play-off Dihaoine 19mh an den Iuchar.
Thèid na sia dùthchannan as fheà rr bho na buidheannan aig ìre B, le Alba nam measg, a thaghadh an aghaidh nan sia dùthchannan air an cùl aig an ìre sin.
Tha siud a' ciallachadh gum faodadh iad a dhol an aghaidh Albà inia, Belarus, Georgia, A' Ghrèig, Lucsamburg, Montenegro, Romà inia no Sloibhinia.
'S iad Alba an sgioba as treasa a-mach às an liosta sin, a thaobh nan rangannan co-dhiù.
Agus ma 's urrainn dhaibh faighinn seachad air ge b' e cò a bhios aca, bidh aon cheum eile san rathad ma tha iad airson cluich san fharpais mhòir an ath-bhliadhna.
Ceum gu math mòr - oir bhiodh tè de na sgiobaidhean a thig am bà rr anns na geamaichean-playoff eile eadar cuid de na sgiobaidhean bho Bhuidheann A agus B a' feitheamh orra.