£170,000 air a thogail bho ionadan-pà ircidh an Eilein Sgitheanaich
- Air fhoillseachadh
Thog Comhairle na Gà idhealtachd £170,000 (às dèidh chosgaisean) thairis air a' bhliadhna bho na h-ionadan-pà ircidh air feadh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair.
Thèid an t-airgead sin a chur ri buidseat Comataidh Sgìreil an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair.
Thuirt Cathraiche na Comataidh, Iain MacFhionnlaigh, gu bheil an t-ionmhas a thathas a' togail a' sìor èirigh.
"Tha sin foilleasach le na h-à ireamhan de luchd-turais ag èirigh bliadhna às dèidh bliadhna.
"Tha an 50% de theachd a-steach, às dèidh chosgaisean, cudromach ann a bhith a' cumail taic ri pròiseactan air feadh na sgìre.
"Aig an ìre-sa, cumaidh sinn oirnn ag obair le oifigearan bho sheirbheisean eadar-dhealaichte agus coimhearsnachdan ionadail 'son a dhèanamh cinnteach gun tèid an t-ionmhas a chosg ann an dòigh a tha a' cur ri feumalachdan na coimhearsnachdan againn," thuirt e.
Thug a' chomataidh taing dha na oifigearan a tha a' coimhead às dèidh nan ionadan-pà ircidh agus luchd-obrach eile a tha an sàs ann a bhith a' cumail smachd air trafaig agus ag obair a dh'ionnsaigh à itichean-pà ircidh nas fhèarr.