Dodds a' fuireach aig Caley Thistle dà bhliadhna eile
- Air fhoillseachadh
Tha manaidsear Chaley Thistle Inbhir Nis air aimn a chur ri chùmhnant ùr leis a' chluba, a bhios ga chumail san dreuchd gu ruige 2025.
Dh'innis Billy Dodds gun robh e gu math moiteil às an sgioba às dèidh dhaibh call 3-1 ri Celtic sa chuairt dheireannaich de Chupa na h-Alba.
Chuir Kyogo Furuhashi Celtic air thoiseach goirid ro leth-ùine is bha coltas ann gun robh an gnothach seachad nuair a chuir Liel Abada dà rna tadhal is 65 mionaidean air an cluich.
Thà inig dòchas às ùr do dh'Inbhir Nis anns na mionaidean mu dheireadh nuair a chuir Daniel MacAoidh am ball dhan lìon, ach bha ùine fhathast aig Jota tadhal eile a chur 'son Celtic.
Thuirt Dodds gur e briseadh-dùil a bh' ann ach gun robh e gu math moiteil às an sgioba is mar a chum iad ceann a' mhaide ri Celtic.
"Cha b'urrainn dhomh an còrr iarraidh bho na cluicheadairean is bha sinn anns a' gheama cha mhòr chun nam buillean deiridh.
"Cha d'fhuair sinn dha na play-offs is cha d'fhuair sinn an cupa ach uile gu lèir bha fìor dheagh sheusan againn", thuirt Dodds.
Dh'innis Dodds cuideachd gu bheil e an dùil gum bi ùidh aig clubaichean eile ann an cuid de chluicheadairean ICT is gum falbh feadhainn as t-samhradh.
Thuirt e ge-tà gum bu chòir dhan chluba a bhith ag amas air gluasad suas bhon Championship an ath-sheusan.