Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Aithne dhan Scarp aig sgioba na Hearadh
Tha Sgioba Ball-coise na Hearadh air eilean an Scarp a chuir ris an t-suaicheantas aca, as dèidh iomairt bho Ùisdean MacIllinein.
Bha eileanan Tharasaigh agus Scalpaigh mar tha ri fhaicinn air suaicheantas a' chluba, ach bha an Dtr MacIllinnein - aig a bheil ceangal là idir ris an Scarp - air iarraidh gun deadh an treas eilean aithneachadh.
Tha cliù aig an eilean a thaobh dheuchainnean a rinn an neach-saidheans Gearmailteach Gerhard Zucker anns an 1930an le bhith cleachdadh rocaidean gus litrichean a chur thar Chaolas an Scarp. Cha deach leis ge-ta, is an rocaid a spreadhadh agus na litrichean air an losgadh.
Thòisich sgioba na Hearadh bho chionn còrr is 100 bliadhna, agus bha iad a dèanamh ùrachadh air an t-suaicheantas aca.
Le mearachd, chaidh Scalpaigh fhà gail à s, ach nuair a chaidh a' bhrà iste cheart fhoillseachadh, bha an Dr MacIllinnein ag iarraidh an Scarp a chuir ris.
Bha feadhainn eile air na meadhanan sòisealta ag iarraidh eileanan a tha dlùth dhaibh fhèin fhaicinn cuideachd an uairsin.
Thuirt neach-labhairt a' chluba gun robh "iomadach eilean brèagha far chostaichean na Hearadh, agus mar sin cha tèid againn air a h-uile fear a chuir ris."