91ȱ

"Camanachd gur roghadh spòrs e"

Ùisdean is an CupaTùs an deilbh, Ùisdean MacIllFhinnein
  • Air fhoillseachadh

Bidh daoine gu math tric a’ faighneachd dhomh cò às a thàinig an ceangal a th’ agam ri saoghal na camanachd.

Tha an fhreagairt ruideigin eadar-thoinnte.

Bha camanachd ag èirigh às an talamh agus gar cuairteachadh far an do rugadh is thogadh mi ann an Caol a’ Ghearasdain, ach nas cudromaiche buileach, tha e anns an DNA agam.

Tha an dearbhadh air sin anns an leabhar iomraiteach a sgriobh Aonghas Duncan mu eilean an Sgarp, far an do rugadh mo mhàthair: “….quite young children of both sexes played using a round piece of cork for a ball. A discarded walking-stick with a short shaft was good enough as a caman, or shinty stick, for the younger children. The bigger boys acquired strong and better shaped home-made clubs which they tried to keep from the younger children.”

Tùs an deilbh, Shona NicEanraig
Fo-thiotal an deilbh,

Eilean an Sgarpa - às an robh màthair Ùisdein

Agus sin mar a bha an Caol a’ Ghearasdain agus Ùisdean òg leis a’ chiad chaman dha fhèin aig aois 6/7 (chosg e mu leth-chrùn agus cha robh de chridh agam a ghearradh. Cleas a bhith a’ fàs ann am briogais dh’fheumainn feitheamh).

Gu ìre cha robh a’ chòrr againn a dheanamaid ach spòrs.

Cha robh sgeul air X-box no i-Phone. Cha robh sùil againn air boireannaich (aig an àm).

Raon na sgoile agus bho mhoch gu dubh a’ stialladh ball air choireigin ris a’ bhalla mura robh duine eile mun cuairt - neo an uairsin geamaichean triùir, no ceathrar, no còignear no sianar gach taobh.

Geamaichean, buill agus macmeanmna – cleasachd mar a bha na rionnagan ùra air an teilebhisean a bha air tighinn gar dalladh anns na seòmraichean ann an taighean Sràid Ghlenkingie.

Tùs an deilbh, Uisdean MacIllFhinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Ùisdean òg leis a' chiad chaman aig aois 6 no 7

Foghlam

Fhuair sinn cuideachd deagh fhoghlam bho na laoich agus na h-eòlaichean a bha mun cuairt – ciamar a bha thu a' greimeachadh air caman, ciamar a bha thu gad dhion fhèin bho shlaicean; ciamar a bhualadh tu am ball; ciamar a bhiodh tu ga stad agus ciamar a bhualadh tu duine sam bith a thigeadh cruaidh ort.

Sann san àrd-sgoil a thòisich sinn a’ buinnig fharpaisean agus a’ siubhal taobh a-muigh na sgìre gu àiteachan leithid Bhaile Chaolais, Inbhir Nis agus Drum na Drochaid, agus dhan Phloc air là eachdraidheil an 1973, far an do choinnich mi ri Donnie Martainn nach maireann agus Donaidh Digg agus am Bodach - is gu leòr eile a th’ air a bhith nam fior charaidean bhon uair sin.

Agus 's ann timcheall air an àm seo a thàinig fear spaideil le polo neck gheal dhan Ghearasdan- Fergie Dòmhnallach a thòisich gar trèanadh.

Uill, dh’fheuch e co-dhiù, ach abair gun robh gàire no dhà againn.

Bha a’ chamanachd san oilthigh car sòisealta agus cha robh an còrr air ar n-aire air deireadh-sheachdain ach siubhal bhon Phark no dhan Snaffle a chnuasachd thiogaidean airson nan dannsaichean mòra – Glasgow Skye agus Lewis and Harris.

Agus an uairsin le cinn ghoirt is mòr-aithreachas gach madainn Disathairne 's dòcha a’ siubhal dhan Òban ann am minibus no a Dhùn Èideann no a Pheairt.

'S beag an t-iongnadh ged nach do bhuinnig sinn cus. Ach làithean sona, sona.

Thug camanachd air feadh na h-Alba mi agus thar chrìochan na dùthcha gu Canada, Astràilia agus Seallann Nuadh.

Ghabh mi ceum a bharrachd an Oilthigh Obair Dheathain le tràchdas air an robh “Shinty Dies Hard”. Cleas na Gàidhlig, cha ghabh cur às dha.

Tùs an deilbh, Ùisdean MacIllFhinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Ùisdean is Gary Innes ag aithris

Tha saoghal na camanachd an-diugh gu math eadar-dhealachte bhon bha e a’ coimhead nuair a bha mise nam ghioball òg a’ leum feansa na sgoile gus a dhol a chluich còmhla rim cho-aoisean.

An-diugh, tha camanachd air sgaoileadh gu sgìrean den dùthaich a tha do-chreidsinneach; tha cuairtean deireannach Cupa Camanachd nam ban air an teleibhisean agus mi fhèin ag aithris air, le 2000 an làthair.

Cò a chreideadh sin deich no 40 bliadhna air ais? Bhiodh leithid de nòisean air gàire a thoirt air gamhainn nam biodh duine air sin a ràdh rium nuair bha mi san oilthigh.

Dh’fhosgail camanachd saoghal mòr farsaing dhomh fhèin, gu pearsanta agus gu cinnteach gu proifeiseanta, gam chur ann an sùilean dhaoine ann an dòighean nach robh mi, iomadach uair, a’ tuigsinn no ag iarraidh.

Bhris mi mo chorragan, bhris mi mo shròn. Ach thug camanachd togail dham chridhe agus chuir e ceum nam chasan.

à𲹲

Tro chamanachd thog mi eòlas, foghlam agus gu seachd-àraidh càirdeas air nach gabh luach cur.

Cha thuig mi 's dòcha cho cudromach 's a tha a' chleasachd agus neart coimhearsnachd na camanachd air a bhith gus am fàg mi e.

Ach chan urrainn dhomh a sheachnadh, agus bidh mi fhathast a’ cuairteachadh raointean na camanachd ged nach bi an aon ìmpidh orm teiche agus aithris a chur sìos loidhne gu stiùidio air choireigin.

Nuair a thig an là Disathairne, cò aige tha fhios dè mar a dhèiligeas mi ris, ach tha aon rud cinnteach - chan eil aithreachas ann, ach toileachas; agus mo mhìle beannachd aig gach neach a chuidich agus a threòirich mi le truinnsearan soup agus cofaidh aig dachaighean na Gàidhealtachd thar 40 bliadhna. Mar a thuirt am bàrd:

Camanachd gur roghadh spòrs e

Àm a' Gheamhraidh is tùs an Earraich

Mach san achadh 's gillean greannmhor

An deagh ghleus ri cluich cho annamh,

Nach camanachd bu dual d' ar sinnsir,

Ag iomain bhall air Là Callainn,

Càit 'eil coimeas ris san Eòrpa,

H-uile fear cho eudmhor ealamh

Dol ga dhùbhlan bhuidhinn tadhail.

[Angus Morrison, Dàin is Òran, 1930, td 101.]