An Taobh Siar air Cupa a' Cho-op a bhuannachadh
- Air fhoillseachadh
'S e an Taobh Siar a bhuannaich Cupa a' Cho-op oidhche Shathairne ann an geama iongantach an aghaidh na Hearadh.
'S e seo an dà rna turas a bha na sgiobaidhean air coinneachadh sa chuairt dheireannaich.
Bha na Hearaich air thoiseach 2-0 nas trà ithe san Lùnastal nuair a chaidh an geama a chur dheth is uisge trom air a' phà irc fhà gail na boglach.
Bha na sgiobaidhean co-ionnan 2-2 aig lethach-slighe an turas seo ach ghabh na Siaraich smachd air cùisean san dà rna leth is iad a' gluasad 6-2 air thoiseach.
Ged a thà inig na Hearaich air ais anns na mionaidean mu dheireadh bha a' bheà rn ro mhòr is an Taobh Siar a' buannachadh 6-5 air a' cheann thall.
Oidhche Haoine bha Aths gu math faisg air Lìog Leòdhais a bhuannachadh is iad 1-0 air thoiseach air an Rubha anns na mionaidean mu dheireadh.
Fhuair Josh Mac a' Ghobhainn tadhal dha na Rubhaich ge-tà , a' fà gail gu bheil feum aig Athletic fhathast air aona phuing eile airson an tiotail.
Bidh cothrom aca a' phuing sin a thogail an aghaidh sgioba nan Loch oidhche Luain.
Ann an Uibhist is Barraigh tha Beinn na Faoghla sa chuairt dheireannaich de Chupa Billy MacNeill às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh 3-1 air Saints an Iochdair Disathairne.
Bidh an iar-chuairt dheireannach eile eadar Barraigh is Èirisgeigh ann oidhche Mhà irt ann am Bà gh a' Chaisteil.
Agus ann an Lìog Taobh Siar na Gà idhealtachd rinn Malaig an gnothach air Iar Thuath an Eilein Sgitheanaich 5-2, is chaidh an Gearasdan air adhart gu cuairt dheireannach Chupa Clann Dòmhnaill le pronnadh 7-1 a thoirt air Port Rìgh.
'S e Caol Acain is Juniors Phort Rìgh a tha san iar-chuairt dheireannaich eile Diciadain.