Robbie Drummond ann an Uibhist
³Ò±ðà °ù°ù-²õ³ó±ð²¹±ô±ô²¹»å³ó
Ceannard ChalMac ann an Uibhist a Deas Diluain
Tha Robbie Drummond air aideachadh nach d'fhuair an t-eilean seirbheis math gu leòr
Tha fearg a' leantainn san eilean mu sheirbheisean
Luchd-iomairt ag rà dh gur e "rogue operator" a th' ann an CalMac
- Air fhoillseachadh
Bidh ceannard ChalMac ann an Uibhist a Deas Diluain gus cluinntinn mun fheirg a tha air muinntir an à ite mu sheirbheisean aiseig.
Tha an caothach dearg ann an Uibhist às dèidh mar a chaidh an MV Lord of the Isles a chur air slighe Ìle ri linn is nach eil an MV Hebridean Isles is MV Finlaggan rim faighinn an-drà sta.
Tha sin a' fà gail nach eil seirbheis ann idir eadar Malaig is Loch Baghasdail fad na mìos.
Chruinnich na ceudan air cidhe Loch Baghasdail an t-seachdain seo chaidh gus fianais a thogail mun chùis.
Dragh mu bhuaidh air an eaconomaidh
Nochd iad draghan mòra mun bhuaidh air eaconomaidh is cuid ag rà dh gum fà g daoine Uibhist ri linn cho truagh 's a tha an t-seirbheis aiseig.
Thog Ceòlas dragh cuideachd mun bhuaidh air an sgoil-samhraidh acasan aig toiseach an Iuchair.
Ann am brath-naidheachd Didòmhnaich, thuirt Buidheann Aiseig Ghnothachasan Uibhist a Deas gu bheil an suidheachadh a-nise air an sgoil-samhraidh "a chur ann an cunnart".
Thuirt iad gu bheil 12% de dhaoine a bha an dùil a bhith aig Ceòlas am-bliadhna air na tursan aca a chur dheth air sgà th na mì-chinnt timcheall air aiseagan.
Thuirt a' bhuidheann gum feum am Prìomh Mhinistear a dhol an sàs gus "stad a chur air CalMac" is gur e "rogue operator" a tha sa chompanaidh.
Dh'iarr iad gun tèid an t-seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdail a stèidheachadh às ùr sa bhad.
Dh'aidich Robbie Drummond an t-seachdain seo chaidh nach d' fhuair Uibhist a Deas an ìre de sheirbheis a bu chòir anns na mìosan mu dheireadh.
Tha e à g rà dh gu bheil e airson mìneachdadh a thoirt do dh’ eileanaich mun dòigh 's a tha CalMac a’ taghadh cò na bà taichean a thèid a ghluasad nuair a tha trioblaidean san lìonra, am Matrix mar a th’ aca air.
Gheall am Prìomh Mhinistear anns na là ithean mu dheireadh gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air.
Às bith dè chanas Mgr Drummond Diluain ge-tà , tha a h-uile dùil ann gur e là doirbh a bhios aige.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An t-Ã’gmhios 2023
- Air fhoillseachadh6 An t-Ã’gmhios 2023
- Air fhoillseachadh8 An t-Ã’gmhios 2023