Adhartas le fiachan ICT
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil stiùirichean a' chluba is feadhainn a bha nan stiùrichean air aontachadh iasadan a thug iad seachad a chur an dà rna taobh, no earrannan sa chluba a ghabhail nan à ite.
Thuirt Ailean Savage, a thill gu Caley Thistle an t-seachdain seo chaidh feuch suidheachadh ionmhais a' chluba a leasachadh, gu bheil an t-aonta seo a' fà gail gu bheil ICT mòran nas tarraingiche do dhaoine aig a bheil ùidh sa chluba a cheannach.
Dh'innis Mgr Savage cuideachd gun do chuir e fhèin £200,000 a-steach dhan chluba san t-seachdain mu dheireadh is gur e sin a dh'fhà g gun deach an geama an aghaidh Montrose Disathairne air adhart.
Bha coinneamh ann madainn Diluain, thuirt e, le seann chathraiche ICT, Ross Moireasdan, is Dà ibhidh Camshron is Graeme Bennett, a tha nan stiùrichean, am measg na bha an là thair.
Rinneadh aonta aig a' choinneimh fiachan a chur an dà rna taobh no earranan a ghabhail nan à ite.
Tha Mgr Savage ag rà dh gur e ceum mòr air adhart a tha seo.
Dh'iarr e cuideachd air an luchd-leantainn taic a chur ris a' chluba le ticeadan-seusain is lèintean is eile a cheannach.