91Èȱ¬

Làithean buidhe ginealaich òir Thom na Croiche seachad?

Lòbhat is Ceann a' Ghiùthsaich
Fo-thiotal an deilbh,

Làn-ùine Disathairne is briseadh-cridhe eile do Lòbhat

  • Air fhoillseachadh

Chuala sibh, tha fios, mu na Mighty Magyars às an Ungair anns na 50an?

No an Quality Street Gang aig Celtic deireadh na 60an, no Ginealach Ã’ir Shasainn anns na 2000an?

Eiseimpleirean ann an saoghal a' bhuill-choise nuair a thàinig buidheann de chluicheadairean òga air leth troimhe còmhla le dùil is dòchas gun sguabadh iad a h-uile dad a bha mun coinneimh às an rathad.

Ach coma leotha Puskas, Dalglish, Gerard is Lampard ann an Cill Taraglain.

Do mhuinntir na sgìre sin, cha robh sàmhail ann ri sgioba iomain Bun-sgoil Thom na Croiche 2000/2001.

Agus abair sgioba.

Bhuannaich iad cha mhòr gach farpais anns an do chluich iad. Air an t-slighe a dh'ionnsaigh Cupa Bhanca na h-Alba a bhuannachadh (duais a fhuair dhachaigh tric gu leòr am Bun-sgoil Thom na Croiche san linn seo) chuir iad 82 tadhal is leig iad a-staigh dìreach 1.

Thog iad an cupa aig Old Anniesland air thoiseach air cuairt dheireannach Chupa na Camanachd is obair shònraichte na sgioba air a comharrachadh ann am bàrdachd ann an Leabhar Bliadhnail na Camanachd:

The Camanachd Cup game then followed it's true

Oban had no score, Kingussie got two

But hundreds of people just had to agree

The Tomnacross shinty was better to see

Tùs an deilbh, Stòras Chomann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,

Sgioba Bun-sgoil Thom na Croiche an 2000/01 is iad a' dol fodha ann an duaisean. Bha soirbheachas sgiobaidhean na sgoile san linn seo na bhun-stèidh 'son na rinn Lòbhat san 20 bliadhna mu dheireadh

Agus eu-coltach ri cuid de sgiobaidhean eile a bha làn dòchais aig ìre òigridh is nach do rinn mòran air a' cheann thall, chaidh aig Lòbhat air ginealach òir Thom na Croiche a thoirt troimhe gu iomain inbheach gu soirbheachail.

Às dèidh do Lòbhat àite a chosnadh is a ghlèidheadh sa Phrìomh Lìog, thog iad Cupa MhicThàmhais ann an 2013 - a' chiad duais mhòr aca ann an 60 bliadhna.

Bhuannaich iad an cupa a-rithist ann an 2014.

Agus an uairsin 2015 - nuair a bhuannaich an sgioba Cupa na Camanachd 'son dìreach an dàrna turas ann an eachdraidh Lòbhait.

Tro chnàimh-droma na buidhne, bho Stiùbhart Dòmhnallach eadar na puist do Ghreg MacMhathain aig an aghaidh, bha na balaich a bha air ionnsachadh òg boidheach fhaighinn ann an sgioba iomraiteach Thom na Croiche.

Le taic, bu chòir a ràdh, bho dhuine no dithis a bha air an àrach le clubaichean eile faisg air làimh.

Fo-thiotal an deilbh,

2015 is Cupa na Camanachd a' dol air ais a Chill Taraglain 'son a' chiad uair bho 1953

Le tàlant is aois air an taobh is a-nise eòlas air an duais as motha san spòrs a bhuannachadh, bha a h-uile coltas ann gun tigeadh an còrr.

Ach cha tàinig.

Còig tursan bha Lòbhat ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd bho 2015, is còig tursan a chaill iad.

'S e briseadh-dùil eile a bh' ann am-bliadhna, Lòbhat air thoiseach dà thuras an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich Disathairne ach mu dheireadh thall a' call 3-2.

Cha robh teagamh ann nach tug Lòbhat fìor dhùbhlan dhan sgioba as fheàrr san spòrs ann an geama math a dh'fhaodadh a bhith air a dhol taobh seach taobh.

Bha rudan eile mun là nach robh cho tlachdmhor.

Cha robh adhbhar-gearain aig Cameron Bremner aig Kings gun d' fhuair e càirt dhearg airson slaiceadh air Calum Crudden, ach sheall dealbhan telebhisein gun robh Crudden air seasamh air ro-làimh.

Is bha an tuilleadh cheistean anns na mionaidean mu dheireadh nuair a fhuair Fraser Heath aig Lòbhat cairt dhearg airson slaiceadh air Zander Michie nuair a bha esan na laighe air an talamh.

Sheall dealbhan an turas seo Graeme MacMhaoilein aig Lòbhat an uairsin a' seasamh air Michie.

Fo-thiotal an deilbh,

Ceann a' Ghiùthsaich le Cupa na Camanachd - sealladh air a bheil Lòbhat air fàs ro eòlach

Chan urrainn ach Crudden is MacMhaoilein innse dè bha fa-near dhaibh - ach cha robh coltas math sam bith air a' ghnothach air an là as motha ann am bliadhna na camanachd.

Tha cuid de sgiobaidhean ann an diofar spòrsan a chanas - math no dona - gum feum iad a bhith beò air an oir 'son a bhith cho math agus 's urrainn dhaibh.

Bha cunnart an seo gun robh cuid air a dhol seachad air an oir - is às aonais buannachd sam bith dhan sgioba aca no dhan spòrs.

Rinn manaidsear Lòbhait, Jamie MacMhathain, moladh mòr air Ceann a' Ghiùthsaich às dèidh làimh.

Tha Jamie am measg sheòid Thom na Croiche 2000/2001 a tha fhathast gu mòr an sàs aig Lòbhat - an dà chuid air a' phàirc agus air an loidhne.

An e deireadh linne a bh' ann?

"Tha mi an dòchas nach e," dh'innis MacMhathain do 91Èȱ¬ Spòrs.

"Chan eil na balaich ach timcheall air 35 is tha iomain gu leòr annta ach 's e an rud, dè am miann a th' annta?

"Eil iad ga iarraidh? Tha sinn a' cosg ùine air seo ach tha balaich pòsta a-nise is teaghlaichean aca, tha mise pòsta is tha clann agam.

"Dè tha air fhàgail annainn?"

'Son cluba nach robh am measg nan duaisean bho na 1950an, 's e rud cho mòr 's a ghabhas a bh' ann do Lòbhat Cupa na Camanachd is cupanan eile a thogail, is a bhith a' cluich ann an cuairtean deireannach gu cunbhalach.

Sgrìobh seòid 2015 gu sònraichte caibideil iomraiteach ann an eachdraidh a' chluba nach tèid air dìochuimhne.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha manaidsear Lòbhait, Jamie MacMhathain, am measg na choisinn fìor chliù an iomain òigridh le Bun-sgoil Thom na Croiche

Ach car coltach ri Inbhir Aora is Caol Bhòid san 20 bliadhna mu dheireadh 's dòcha, dà sgioba eile a ràinig grunn chuairtean deireannach de Chupa na Camanachd is nach do bhuannaich e ach aon turas, tha teans ann gum bi aithreachas air Lòbhat gu ìre nach eil iad air làn-bhrath a ghabhail air ginealach de chluicheadairean nach bi a' nochdadh ach ainneamh.

Nach eil muinntir na h-Ungaire fhèin fhathast a' caoidh nach do rinn na Mighty Magyars na bha còir aca leis an tàlant a bh' ann?

Fhad 's a bha Lòbhat a' dèiligeadh ri call eile Disathairne, 's ann a bha Ceann a' Ghiùthsaich a' dèanamh gàirdeachais is iad a-nise air stairseach Grand Slam eile - is le sgioba a tha fhathast an ìre mhath òg.

Cò chuireas stad orra? Tha coltas aig an ìre seo gu bheil Ceann Loch Seile air tuiteam air ais, gu bheil Baile Ùr an t-Slèibh fhathast a' togail às ùr, is gu bheil Cabar Fèidh air ìre mhath a ruighinn ach le ceist an urrainn dhaibh ceum eile a ghabhail.

Tha na Sgitheanaich iad fhèin air an stèidheachadh sa Phrìomh Lìog a-nise - an urrainn dhaibhsan farpais 'son nan duaisean mòra? Eil barrachd ann an Camanachd an Òbain - a tha air sealltainn cho math 's a tha iad air an là fhèin.

No am bithear a' coimhead ris na sgiobaidhean a tha gus tighinn a-nuas bhon Lìog Nàiseanta, a' Mhanachainn is an Gearasdan, a tha ri chèile air cùisean a dhèanamh duilich do Cheann a' Ghiùthsaich aig amannan mar-thà.

Tha ùine air taobh nan sgiobaidhean sin co-dhiù is iad fhathast òg.

Eu-coltach ri ginealach òir Thom na Croiche is an gleòc a' sìor ruith orra.