Fà ilte air taighean ùra an Colbhasa
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Cholbhasa a' cur fà ilte air ceithir taighean ùra aig prìs reusanta, a' comharrachadh a' chiad ìre de phròiseact taigheadais coimhearsnachd.
Thèid an cur a-mach air mà l leantainneach, agus tha mar-thà dà thaigh eile ri fhaighinn aig prìs ìosal.
'S iad Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Cholbhasa (CCDC) a tha os cionn a' phròiseict.
Tha iad cuideachd air taighean a thogail do luchd-obrach na companaidh iasgaich MOWI, rud a tha a' toirt chosnaidhean dhan à ite agus a' toirt buannachd dhan eaconomaidh, tha iad ag rà dh.
Chan eil ach 124 duine a' fuireach san eilean 's thuirt Cathraiche CCDC, Dannie Onn, gu bheil na taighean seo a' cuideachadh mòr ann a bhith a' faighinn fuasgladh dha na duilgheadasan an luib taigheadais ann an Colbhasa.
Thuirt e gun toir na taighean ùra taic do dhaoine a tha airson tighinn dhachaigh dhan eilean.
"Tha an à ireamh chloinne san sgoil air tuiteam gu mòr thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad, 's tha sinn an dùil gum bi na taighean ùra a' cur stad air sin," thuirt e.
Thèid coig taighean eile airson teaghlaichean a thogail leis a' bhuidhinn leasachaidh Comann Taigheadais Taobh Siar na Gà idhealtachd (WHHA) 's thuirt Mgr Onn gum bi sin a' dèanamh cothromachadh eadar taighean airson daoine a tha airson fuireach is a bhith a' cosnadh an Colbhasa agus an t-eilean beag ri thaobh Orasaigh, agus taighean a tha ri fhaighinn air mà l goirid, no a tha mar dhà rna dachaigh.
Tha Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a' cur taic ri pròiseactan mar seo agus thuirt Manaidsear Leasachaidh na buidhne, Lindsay Chalmers, gu bheil dì-thaigheadas na dhuilgheadas ann an sgìrean dùthchail air feadh Alba.
"Às aonais uachdaran coimhearsnachd le bùird shaor-thoileach, cha rachadh taighean aig prìs reusanta a thogail.
"Tha a' choimhearsnachd ann an Colbhasa air obair mhìorbhaileach a dhèanamh airson fuasgladh fhaighinn dha na duigheadasan a th' ann le taigheadas," thuirt i.