Ross County air Eamonn Brophy a cheannach
- Air fhoillseachadh
Tha Ross County air Eamonn Brophy a thoirt air ais a dh'Inbhir Pheofharain is iad air an cluicheadair-aghaidh a cheannach bho St Mirren.
Bha Brophy, 27, air ùine a chur seachad air iasad leis na Staggies air an t-seusan seo chaidh nuair a chuir e trì tadhail ann an ochd geamaichean.
Bidh e air ais a-nise is St Mirren ag innse gun do phà igh County còrr is £100,000, ged nach deach an t-suim fhèin a dhearbhadh.
Thòisich Brophy le Hamaltan ach 's ann aig Cille Mheà rnaig fo stiùir Steve Clarke a choisinn e cliù dha fhèin, is 's e Clarke a thug dha ceap do dh'Alba an aghaidh Cìoprais ann an 2019.
Chaidh e gu St Mirren ann an 2021 ach cha do dh'obraich cùisean a-mach dha ann am Paislig.
"Tha sinn air ar dòigh Eamonn a thoirt air ais", dh'innis manaidsear Chounty, Malky MacAoidh.
"Rinn e glè mhath còmhla rinn air an t-seusan seo chaidh is 's e pairt chudromach den bhuidhinn a bh' ann.
"Tha tòrr eòlais aige agus cuiridh e gu mòr ris na roghainnean againn aig an aghaidh", thuirt e.
Thà inig an naidheachd là às dèidh do Chounty Max Sheaf a cheannach bho Redditch United.
Bha iad mar-thà air Josh Reid, Scott Allardice is Kyle Turner a thoirt a-steach.