Binn prìosain air boireannach a mharbh duine an tubaist air an A9
- Air fhoillseachadh
Chaidh binn prìosain 14 mìosan air boireannach à Sìona a mharbh fear-motar-baidhseagail ann an tubaist air an A9 san Ògmhios.
Bha Die Huang, 51, a' draibheadh air an taobh cheà rr den rathad nuair a bhuail i sa mhotar-bhaig aig Anndra Mac a' Phearsain, 63.
Chuala an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh Mgr Mac a' Phearsain, à Wisbech ann an Cambridgeshire, a' siubhal gu ceann a tuath na h-Alba gus an NC500 a dhèanamh nuair a bhuail cà r ann.
Bhà saich e aig là rach na tubaiste faisg air Cail Mhinn ann an Siorrachd Pheairt.
Chuala a' chùirt gun robh Die Huang air a bhith a' tadhal air a mic ann an Lunnainn is nach robh eòlas aice air draibheadh air rathaidean Bhreatainn.
Dh'aidich i mar-thà gun do dh'abharaich i bàs le a bhith a' draibheadh gu cunnartach.
Thuirt fear-lagha Die Huang nach do thuig i nach robh i air pà irt den rathad nach robh dà -fhillte nuair a thachair an tubaist is gu bheil aithreachas uabhasach oirre.
Chaidh binn prìosain 14 mìosan is casg draibhidh còig bliadhna is seachd mìosan oirre.