91Èȱ¬

Triùir an Uibhist air a bhith ag obair 150 bliadhna eatorra do SSEN

Willie MacAnndrais, Dàibhidh McClounnan agus Eòghann MacIain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Willie MacAnndrais, Dàibhidh McClounnan agus Eòghann MacIain air a bhith ag obair do SSEN airson 150 bliadhna eatorra

  • Air fhoillseachadh

Bidh triùir de luchd-obrach SSEN a' comharrachadh clach-mhìle an ceann beagan mhìosan agus iad air a bhith còmhla ris a' chompanaidh chumhachd airson 150 bliadhna eatorra.

Airson a' mhòr-chuid den ùine sin 's ann aig an stèisean-dealain ann an Loch a' Chàrnain a tha iad air a bhith stèidhichte.

Tùs an deilbh, GEOGRAPH/RICHARD WEBB
Fo-thiotal an deilbh,

Chan eilear a' cleachdadh stèisean-dealain SSEN an Loch a' Chàrnain sa là a th' ann ach nuair a tha trioblaid leis a' chàball eadar Uibhist agus an t-Eilean Sgitheanach

Tha còrr air 30 bliadhna ann bho chaidh càball dealain a chur eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Uibhist, agus chan eil feum air an stèisean-dealain a-nis ach nuair a bhios trioblaid ann leis a' cheangal sin.

Mar sin, ged a tha an triùir air na dreuchdan làitheil a leigeil dhiubh, tha SSEN gan cumail air na leabhraichean mar eòlaichean air an obair.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Dàibhidh McClounnan air a bhith ag obair aig an stèisean-dealain on dh'fhosgail e

Thòisich Dàibhidh McCounnan san dreuchd aig fìor thoiseach gnothaich nuair a bha an stèisean-dealain ùr, corr agus 50 bliadhna air ais, agus mus deach an stèisean a choimiseanadh.

"Chaidh iarraidh orm a thighinn airson sia seachdainean airson an stèisean a chur an òrdugh leis gun robh an luchd-togail an seo," thuirt e.

"Bha mi ann airson trì mìosan, agus thàinig mi a-rithist air an 1mh den Iuchar 1974."

'S ann ag obair a-mach às an t-seomar-stiùiridh a bha Mgr McClounnan: "B' e an obair agad sgrùdadh a dhèanamh air a h-uile càil, bho mhullach an stèisein, na tancaichean, ìrean ola, na h-einnseanan agus a h-uile càil a bh' ann."

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Willie MacAnndrais fhathast ag obair do SSEN an dèidh tòiseachadh leotha ann an 1977

Thòisich Willie MacAnndrais ann an 1977.

Bha e ann 11 bliadhna mus deach e a-mach air na loidhnichean, agus thill e an uair sin dhan stèisean.

Leig esan dheth a dhreuchd bho chionn 10 bliadhna ach tha e fhathast a' faighinn obrach le SSEN.

Le grunn einseanan mòra a' ruith, agus ri an cumail a' dol bha gu leòr mu choinneimh gach là: "Nuair a thòisich mise bha an t-àite air a ruith làn-ùine agus bha fuaim gu leòr ann.

"Bha an t-àite gu math trang, bha tòrr ri dhèanamh agus bha trì sioftaichean a' dol an seo fad an t-siubhail," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Eòghann MacIain

Thòisich Eòghann MacIain air an 16mh den Lùnastal 1974 mar phreantas beagan sheachdainean an dèidh dha an sgoil fhàgail.

Bha e ag obair dhaibh on fhuair e teisteanas ann an 1978 agus chùm e a' dol ag obair dhan chompanaidh an dèidh dha a dhreuchd a leigeil seachad gu foirmeil ann an 2019.

B' e an obair-càraidh a bu mhotha a bha a' còrdadh ris: "Bhitheamaid a' toirt fear de na h-einnsean às a' chèile a h-uile samhradh nuair a bha an lòd ìosal airson an glanadh is an càradh.

"Bhiodh sin a' toirt timcheall air trì mìosan, ach bhiodh mu cheathrar ris an obair," mhìnich e.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Tha sgeulachdan gu leòr aca bho na bliadhnaichean a thug iad seachad còmhla mar cho-obraichean.

Ach, tha cuimhne aig Dàibhidh McClounnan air an eagal a bh' air gun tigeadh Hercules, am mathan ainmeil a chaidh a dhìth san sgìre aig toiseach nan 80an, às a dhèidh san dorchadas.

"Nan rachadh tu a-mach dha na tancaichean airson sùil a thoirt orra aig trì uairean sa mhadainn cha bhiodh tu dìreach a' coiseachd a-mach.

"'S e dh'fheumadh tu a dhèanamh ach coimhead timcheall a' chòrnair airson dèanamh cinnteach nach robh a' bhiast sin ann.

"Thachair sin airson seachd oidhcheanan, agus nuair a thàinig madainn Dihaoine aig ochd uairean agus an sioft ullamh - abair faochadh gun agad ri bhith a' coimhead a-mach airson mathain air an deireadh-sheachdain!"

Fo-thiotal an deilbh,

An suaicheantas a bh' ann an stèisean-dealain Scottish Hydro ann an Dalabrog mus deach a ghluasad gu làrach SSEN ann an Loch a' Chàrnain