91Èȱ¬

Doak agus McRorie ann an sguad na h-Alba

Cluicheadairean na h-AlbaTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Tha Steve Clarke air Ben Doak agus Ross McRorie - a tha le chèile gun cheap dhan sgioba nàiseanta - ainmeachadh ann an sguad na h-Alba airson na geamannan ro Euro 2024.

Tha àite cuideachd sa sguad airson na seann eòlaichean leithid James Forrest, Ryan Jack agus Craig Gordon.

Tha ceistean air a bhith ann mun sguad le Aaron Hickey agus Nathan Patterson air an goirteachadh an-dràsta, le ceistean an uairsean mu cò chluicheadh air taobh dheis den loidhne chùil, ach tha e coltach gu bheil cothrom gu bhith aig Anthony Ralston agus McRorie sabaid airson an t-àite sin.

Feumaidh Clarke dithis a thoirt às a bhuidheann ro fharpaisean Euro 2024, le mòran an dùil gur e triùir fhir-ghlèidhidh a bhios a dol a Gharmisch-Partenkirchen, gu 'dachaigh' na h-Alba airson na Euros ann an ceann a deas na Gearmailte.

Cha ghabh am post Instagram seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air instagram teachdaireachd le scotlandnationalteam

Cead do stuth Instagram?

Tha stuth bho Instagram an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na agus mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am 91Èȱ¬ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh instagram teachdaireachd le scotlandnationalteam

Cluichidh Alba geamaichean càrdeil an aghaidh Gibraltar agus an Fhionnlain ro na farpaisean, mus bi iad a dol an aghaidh na Gearmailte air 14mh Òg-mhìos.

Tha ceist ann mu dè cho fut sa bhios cuid den bhuidheann, le sreath fada dhiubh air a bhith air an goirteachadh bho chionn ghoirid.

Chan eil Doak, a tha 18, ach air tilleadh a threànadh às-dèidh obair-lannsa air a ghlùin agus chaill Grant Hanley a mhòr chuid den t-seasain mu dheireadh is trioblaid aige le fèith mhór cùl na coise.

Tha Craig Gordon, am fear bu shinne sa bhuidheann aig 41, air nochdadh dìreach seachd tursan bho bhris e chas anns an Dùbhlachd 2022, chan eil Stuart Armstrong air nochdadh on Ghiblean agus chunnacas Ryan Jack a cluiche mu dheireadh sa Mhàirt.

An sguad slàn

¹ó¾±°ù-²µ±ôè¾±»å³ó¾±»å³ó: Angus Gunn (Norwich City), Zander Clark (Hearts), Craig Gordon (Hearts), Liam Kelly (Motherwell).

°ä±ô³Ü¾±³¦³ó±ð²¹»å²¹¾±°ù±ð²¹²Ô-»åì´Ç²Ô: Andy Robertson (Liverpool), Kieran Tierney (Real Sociedad), Jack Hendry (Al Ettifaq), Ryan Porteous (Watford), Liam Cooper (Leeds United), Scott McKenna (FC Copenhagen), Grant Hanley (Norwich City), Greg Taylor (Celtic), John Souttar (Rangers), Anthony Ralston (Celtic), Ross McCrorie (Bristol City).

Meadhan na pàirce: Callum McGregor (Celtic), Ryan Christie (Bournemouth), Billy Gilmour (Brighton & Hove Albion), John McGinn (Aston Villa), Kenny McLean (Norwich City), Scott McTominay (Manchester United), Stuart Armstrong (Southampton), Ryan Jack (Rangers).

Cluicheadairean-aghaidh: Lyndon Dykes (Queen's Park Rangers), Che Adams (Southampton), Lawrence Shankland (Hearts), Ben Doak (Liverpool), James Forrest (Celtic).