Sguad iomain na h-Alba air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh
Dh'ainmich Comann na Camanachd an sguad a bhios aig Alba airson a' gheama eadar-nàiseanta ann an Èirinn an ath-mhìos.
Thèid fir na h-Alba an aghaidh nan Èireannach aig Pàirc Esler ann am Baile an Iùir Disathairne an 21m den Dàmhair.
Chan eil an geama air a bhith ann bho 2019 nuair a bhuannaich Alba ann am Baile Átha Cliath.
Am measg na chaidh ainmeachadh san sguad aig manaidsear na h-Alba, Garry Reid, tha am fear a chuir an tadhal a bhuannaich Cupa na Camanachd do Cheann a' Ghiùthsaich, Ruairidh MacAnndrais, is an sgiobair aca Seumas Falconer.
Tha an sguad mar a leanas:
Stiùbhart Dòmhnallach - Lòbhat
Anndra King - Caol Bhòid
Steafan Dòmhnallach - Baile Ùr an t-Slèibh
Raibeart Mabon - Ceann a' Ghiùthsaich
Iain MacÌlliosa - Camanachd an Eilein Sgitheanach
Daniel Sloss - Camanachd an Òbain
Blair MacPhàrlain - Camanachd an Òbain
Danny Kelly - Lòbhat
Craig Ritchie - Baile Ùr an t-Slèibh
Donnchadh MacMhathain - Ceann Loch Seile
Daniel MacCuthais - Camanachd an Òbain
Blair Moireasdan - Cabar Fèidh
Craig Moireasdan - Cabar Fèidh
Fionnlagh MacRath - Ceann Loch Seile
Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh
Seumas Falconer - Ceann a' Ghiùthsaich
Caoimhin Bartlett - Cabar Fèidh
Ruairidh Dòmhnallach - Caol Bhòid
Scott Dòmhnallach - Caol Bhòid
Ruairidh MacAnndrais - Ceann a' Ghiùthsaich