91Èȱ¬

Mac an t-Saoir ann an sgioba Cupa Ryder na h-Eòrpa

Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Ghlèidh Raibeart Mac an t-Saoir às an Òban àite ann an sgioba Cupa Ryder na h-Eòrpa.

Ged a chrìochnaich an t-Albannach san 55mh àite aig Farpais Masters na h-Eòrpa san Eilbheis, cha do rinn an fheadhainn is fhaisge air sna rangan gu leòr airson a ghlacadh.

Bha sin a' ciallachadh gun do ghabh e an treas àite air Liosta Puingean na h-Eòrpa, agus nochdaidh e san Ròimh airson cluich ann an Cupa Ryder airson a chiad turas.

Tha Mac an t-Saoir fìor eòlach air an raon air am bi iad a' cluich ge-tà aig Cluba Marco Simone, oir 's ann an sin far an do bhuannaich e Farpais na h-Eadailt an-uiridh.

"Tha mi dìreach air bhioran," thuirt e. "'S e iomairt dhearbhaidh dhoirbh a th' air a bhith ann ach tha mi toilichte le mar a dhèilig mi ris an dùbhlan gus àite fhaighinn dhomh fhèin san sgioba.

"Tha mi air obrachadh gu cruaidh gus cluich ann an Cupa Ryder, ach tha e a-niste cudromach gum buannaich sinn e."

Dhearbh an Sasannach Matt Fitzpatrick àite fhèin san sgioba aig raon Crans-sur-Sierre air an deireadh-sheachdain cuideachd.

Bha fios roimhe gun robh Rory McIlroy, Viktor Hovland, Jon Rahm agus Tyrrell Hatton dearbhte san sgioba.

Innsidh sgiobair na h-Eòrpa, Luke Donald, Diluain, cò na sianar eile a thèid an aghaidh nan Stàitean Aonaichte aig deireadh na mìos.

Bidh Cupa Ryder ga chumail bhon 29mh dhen t-Sultain chun 1mh dhen Damhair.