91ȱ

Dùil ri pàrtaidh mòr san Òban

Raibeart Mac an t-SaoirTùs an deilbh, Reuters
  • Air fhoillseachadh

Dè a' Ghàidhlig saoil a th' air when in Rome? 'S e a rèir coltais 'Ma tha thu san Òban, dèan mar an t-Òban'.

Agus abair gun do rinn Raibeart Mac an t-Saoir mar an t-Òban san Ròimh air an deireadh-sheachdain is e na phàirt de sgioba na h-Eòrpa a bhuannaich Cupa Ryder.

Rinn na h-Èorpaich a' chùis air na Stàitean Aonaichte 16.5 gu 11.5 air a' cheann thall is iad a' buannachadh air ais an cupa a chaill iad aig Whistling Straits ann an Wisconsin bho chionn dà bhliadhna.

Chaidh moladh mòr a dhèanamh air Mac an t-Saoir, 27, is e a' cluich san fharpais 'son a' chiad uair.

Chluich fear an Òbain còmhla ri Justin Rose - cluicheadair a bha thall is a chunnaic - anns na fourballs Dihaoine is Disathairne is bhuannaich an dithis 1.5 puing.

Air an là mu dheireadh anns na farpaisean singilte rinn Mac an t-Saoir an gnothach 2&1 air Wyndham Clark - am fear a bhuannaich an US Open am-bliadhna - is e a' crìochnachadh an deireadh-sheachdain gun chall.

Thàinig an tuilleadh deagh naidheachd dha Bob fhad 's a bha e san Ròimh is an sgioba iomain aige Ceiltich an Òbain air an àite aca san Lìog Nàiseanta a ghlèidheadh Disathairne.

Cha ghabh am post Twitter seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.
Chan eil am 91ȱ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Leum thairis air twitter teachdaireachd le Robert MacIntyre

Cead do stuth Twitter?

Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson a leughadh agus mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.

Chan eil am 91ȱ an urra ris na tha a' nochdadh air làraichean-lìn air an taobh a-muigh
Deireadh twitter teachdaireachd le Robert MacIntyre

Ach ged a bha bruidhinn gu leòr ann mu iomain - dè bh' ann an iomain gu ìre mhòir - timcheall air sgioba na h-Eòrpa san Ròimh, 's e an goilf a fhuair prìomhachas an turas seo is Mac an t-Saoir air a dhòigh.

"Bha e dìreach sònraichte", dh'innis Bob. "Tha e a' ciallachadh na h-uimhir dha mo theaghlach is mo charaidean cuideachd. Thàinig grunnan a-mach gus taic a chumail rinn is tha mi dìreach toilichte gun do rinn sinn an gnothach.

"Bha mi nearbhasach. Thòisich mi math Didòmhnaich ach rinn mi mearachd bheag an siud is 's e dìreach a bhith a' cumail a' dol is às dèidh sin thog mi toll no dhà air an t-slighe a-steach.

"Chì sinn dè tha romhainn, chan eil fiosam an e seo a' chiad turas is an turas mu dheireadh a bhios mi san sgioba no am bi mi air ais tric.

"Cumaidh mi orm ag obair cruaidh is tha mi an dòchas gum bi mi air ais", thuirt e.

'S e sin am beachd a bh' aig sgiobair na h-Eòrpa Luke Donald. Thog esan air cho òg 's a tha grunnan den sgioba aige is e ag ràdh nach eil ann ach toiseach-tòiseachaidh dhaibh.

Tha dùil a-nise ri pàrtaidh mòr san Òban. "Bidh mi ann oidhche Luain", gheall Bob.

Agus ma tha thu san Òban....