Derek Keir a' fà gail Chomann na Camanachd
- Air fhoillseachadh
Tha Àrd-oifigear Chomann na Camanachd, Derek Keir, gu bhith a' fà gail a dhreuchd agus a' gluasad do bhuidhinn Hocaidh na h-Alba.
Dh'fhoillsich a' bhuidheann hocaidh an naidheachd Diciadain, is iad ag innse gur e Mgr Keir an t-Àrd-oifigear ùr acasan.
Bha Mgr Keir seachd bliadhna os cionn Chomann na Camanachd, is e gu bhith tòiseachadh na dhreuchd ùr ro dheireadh an t-samhraidh.
Thuirt Mgr Keir: "tha mi air bhioran an cothrom fhaighinn a dhol còmhla ri Hocaidh na h-Alba mar à rd-oifigear.
"Fhuair mi sealladh iongantach an t-seachdain a chaidh, a' coinneachadh ris an luchd-obrach, stiùirichean agus saor-thoilich, air an eòlas agus a' mhiann a tha am measg Hocaidh na h-Alba, agus cha b' urrainn dhomh feitheamh coinneachadh ris an sgioba nas fharsainge agus tòiseachadh anns an dreuchd."
Thuirt e cuideachd gun robh e na urram dha obrachadh le ceathrar chinn-suidhe bho thòisich e aig Comann na Camanachd ann an 2017 agus gun robh e a' toirt taing do shaoghal na camanachd air fad airson an taic a fhuair e na ùine aig a' chomann.
Thuirt Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Burton Moireasdan, gur ann le faireachdainnean eadar-dhealaichte a ghabh e an naidheachd gun robh Mgr Keir a' fà gail.
"Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil Derek a' gabhail ceum air adhart na bheatha-obrach" thuirt e, "ach 's e bristeadh-dùil uabhasach a th' ann gu bheil an comann a' call à rd-oifigear cho math a tha na thosgaire mhìorbhaileach airson ar spòrs."
Tha dùil gun nochd sanas bho Chomann na Camanachd airson na beà rn-obrach ro dheireadh na mìos.