"Gu Dimàirt" gus ICT a chumail a-mach à rianachd

Tùs an deilbh, SNS

Thuirt an duine a tha os cionn oidhirp gus suidheachadh ionmhais Chaley Thistle a chur ann an òrdugh gu bheil feum air aonta a ruighinn air plana ro dheireadh an là Dimàirt gus rianachd a sheachnadh.

Thill Ailean Savage gu ICT nas tràithe air a' mhìos is an cluba ann am fìor staing.

Bha Mgr Savage mar-tha air innse gun do chuir e fhèin a-steach £200,000 gus an cluba a chumail a' dol.

Thàinig e am bàrr cuideachd gun deach aonta a ruighinn ri stiùirichean a' chluba is feadhainn a bha nan stiùrichean roimhe gus iasadan a thug iad seachad a chur an dàrna taobh, no earrannan sa chluba a ghabhail nan àite.

Ach aig coinneimh-naidheachd Diardaoin chuir Mgr Savage an cèill gu bheil an cluba fhathast ann an suidheachadh fìor dhoirbh.

Thuirt e gu bheil e follaiseach nach b' urrainn dhan bhuidhinn Seventy7 Ventures, a bha airson ICT a cheannach, idir comasach sin a dhèanamh.

Mhìnich Mgr Savage gu bheil dreach-chunntasan bliadhnail ICT a' sealltainn call de £1.7m is gu bheil fiachan mu £620,000 orra an-dràsta.

Thuirt e gu bheil e air moladh a chur air adhart gus iarraidh air triùir a th' air a bhith an sàs sa chluba anns na bliadhnaichean mu dheireadh - Ross Moireasdan, Dàibhidh Camshron is Ailean Rothach - taic-airgid luach £600,000 uile gu lèir a thoirt seachad.

Tha Mgr Savage ag ràdh gum faigheadh an triùir an t-airgead air ais air a' cheann thall à fearann a bha uair aig ICT air màl le dòchas gun rachadh sgeama bataraidh a stèidheachadh air, is e ag ràdh gu bheil e a-nise air màl aig companaidh le Mgr Camshron is Mgr Moireasdan, is gur ann leis an triùir a tha ceadan 'son na sgeama.

Rianachd

Mura biodh aonta ann leis an triùir, thuirt Mgr Savage gum feuchadh e ri £600,000 a thogail à iomairt maoineachaidh am measg luchd-taic is muinntir is luchd-gnothaich Inbhir Nis san fharsaingeachd.

Ach tha e ag ràdh gu bheil feum air aonta air plana ionmais Dimàirt seo tighinn nuair a bhios coinneamh eile ann ma tha an cluba airson rianachd a sheachnadh.

Dh'innis e gu bheil e air a bhith a' bruidhinn ri Bryan Jackson, eòlaiche ionmhais a tha air a bhith an sàs ann an cùisean rianachd aig grunn chlubaichean Albannach.

"Tha Bryan Jackson airson bruidhinn ris a' bhòrd Dimàirt mu dheidhinn nan slighean a bhiodh ann a thaobh rianachd, ach chan e deagh shlighean a th' annta is chan eil adhbhar againn a dhol sìos na slighean sin," thuirt Ailean Savage.

"Tha mi air iarraidh air na daoine seo airgead a thoirt seachad is tha an t-airgead aca - cha chuireadh seo fodha iad.

"Ma tha sinn uile a' dèiligeadh ri seo ann an dòigh chothromach, chan fhaic mi ciamar nach biodh e comasach dhuinn aonta a ruighinn," thuirt e.

Thuirt Mgr Savage cuideachd gum faighnich e de luchd nan earranan a bheil iad airson is gun ruith e an cluba, is ma gheibh e taic bhuapa gum biodh làn-smachd aige air Caley Thistle gus an rachadh an cluba a reic.

Rachadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air sin a h-uile trì bliadhna, thuirt e.

Dh'innis e gun urrainn dha an cluba a chàradh.

"Tha cruaidh-fheum aig a' chluba seo air cinnt às dèidh còig bliadhna de chall mhòr, troimhe-chèile agus mì-chinnt uabhasach," thuirt e.