Luaidh ga dhèanamh air Ronnie MacFhionghain
- Air fhoillseachadh
Tha luaidh ga dhèanamh air seann chluicheadair Rangers is Alba Ronnie MacFhionghain a chaochail aig aois 83.
Chluich e cha mhòr 500 geama do Rangers agus fhuair e 28 ceapan do dh'Alba.
Rugadh Mgr MacFhionghain ann an Glaschu ach 's ann às an Eilean Sgitheanach a bha athair agus a mhà thair à Leòdhas.
Bha e a' fuireach ann an Leòdhas 'son greis na bhalach is dh'innis e gun robh Gà idhlig gu leòr aige aig an à m seo.
Rinn e a dhachaigh san eilean bho chionn còrr is 20 bliadhna.
Bha e cuideachd na thosgaire aig Cluba Luchd-Taic Rangers Leòdhais is na Hearadh.
"'S e sà r dhuine uasal a bh' ann an Ronnie is bha tòrr dhaoine measail air, gu h-à raid ann an Leòdhas an dèidh dha a bhith a' faisg air 30 bliadhna air ais a' fuireach san eilean", thuirt Alasdair Moireasdan a bha gu math eòlach air.
"Tòrr den ghinealach agamsa, cha robh sinn eòlach air mar chluicheadair ach tha à ite aige ann an eachdraidh ball-coise na h-Alba agus tha e follaiseach mar a tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn am meas a bh' aca air mar dhuine, is am meas is spèis a bh' aca dha mar chluicheadair", thuirt e.
Rinn air Mgr MacFhionghain Didòmhnaich.