Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Cupa na Camanachd: Lòbhat an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich
An urrainn do Lòbhat Cupa na Camanachd a thogail airson a' chiad uair bho 2015 no am buannaich Ceann a' Ghiùthsaich an duais as motha ann an iomain 'son an treas turas ann an sreath?
Tha fios aig Lòbhat dè cho mòr 's a tha an dùbhlan a tha mun coinneimh sa Ghearasdan Disathairne.
A bharrachd air geamaichean san lìog, tha iad air call an aghaidh Cheann a' Ghiùthsaich am-bliadhna ann an Cupa MhicThà mhais (air buillean-peanais) agus Cupa MhicAmhlaigh.
Gu dearbh, chan eil iad air a' chùis a dhèanamh orra bho 2021.
Do Cheann a' Ghiùthsaich, tha iad glè fhaisg air an lìog a bhuannachadh agus tha iad air Cupa MhicAmhlaigh agus Cupa MhicThà mhais a thogail mar-thà am-bliadhna.
Tha Lòbhat air a bhith sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ceithir tursan bho bhuannaich iad mu dheireadh ann an 2015.
Chan eil ach aon sgioba eile air nochdadh cho tric sin, Baile Ùr an t-Slèibh.
"Tha sinn air a bhith ann an trì cuairtean deireannach sa chupa seo anns na ceithir bliadhnaichean bhon a thà inig mise a-steach os cionn na sgioba agus tha mi fhathast a' feitheamh air cupa fhaighinn," thuirt Jamie MacMhathain, manaidsear Lòbhait.
"Tha mi fhìn agus na cluicheadairean air bhioran an cupa fhaighinn an turas seo."
'S iad Ceann a' Ghiùthsaich a chuir stad orra an turas mu dheireadh ann an 2022 agus tha MacMhathain ag aideachadh gu bheil an dà thadhal anmoch sa gheama sin a' fà gail gu bheil miann fiù 's nas motha orra an turas seo.
Ach tha rudeigin eile a' toirt dha spionnadh.
"Tha deagh sguad againn agus tha sinn air a bhith soirbheachail ach chan eil sinn buileach far am bu chòir dhuinn a bhith.
"Tha mì fhìn agus na cluicheadairean agam airson sin atharrachadh".
Às dèidh dhaibh buannachadh anns a' Phrìomh Lìog an aghaidh Chabar Fèidh an t-seachdain seo chaidh, feumaidh Kings dìreach dà phuing eile airson an ceathramh tiotal ann an sreath a dhearbhadh.
Tha teachdaireachd shìmplidh ach là idir aig a' mhanaidsear aca, Iain 'Corky' Borthwick, air thoiseach air a' gheama mhòr Disathairne.
"Tha a h-uile geama cudromach dhomhsa - 's lugh orm a bhith a' call," thuirt e.
"'S e a bhith a' buannachadh an rud as cudromaiche dhomhsa agus tha mi a' faicinn gu bheil beagan dhen sin aig na cluicheadairean agam cuideachd.
Calum Mac an Tòisich
Tha Borthwick cuideachd a' cuimhneachadh air Calum Mac an Tòisich, an cluicheadair òg tà lantach a chaochail an-uiridh.
"Bha e glè mhath gun do bhuannaich sinn Cupa MhicAmhlaigh am-bliadhna, às dèidh dhuinn call sa chuairt dheireannaich an-uiridh.
"Ach a' cuimhneachadh air Calum Mac an Tòisich - chuir e tadhal ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaigh an-uiridh agus 's e rud air leth a bh' ann dhuinn an cupa sin fhaighinn air ais às dèidh dhuinn Calum a chall.
"Nì sinn ar dìcheall a-nis airson Cupa na Camanachd fhaighinn - 's e an cupa as cudromaiche do chluicheadair iomain sam bith agus bhuannaich mi fhìn e naoi thursan.
"Bhuannaich mi e mar mhanaidsear airson a' chiad uair an-uiridh agus 's e rud sònraichte math a bha sin. Bhiodh e na bu shònraichte buileach trì cupannan fhaighinn ann an sreath air an t-seusan seo."
2015 - An turas mu dheireadh a bhuannaich Lòbhat an cupa
Tha Lòbhat air Cupa na Camanachd a thogail dìreach dà thuras - 1953 agus 2015.
Bha Jamie MacMhathain na chluicheadair ann an 2015 agus chuidich e an sgioba air an an t-slighe dhan chuairt dheireannaich an aghaidh Chaol Bhòid.
Bhuannaich Lòbhat an geama 2-1 - bidh cuimhne aig mòran air mar a chluich Stiùbhart Dòmhnallach eadar na puist an là sin - ach cha robh MacMhathain air a' phà irc no fiù 's aig taobh na pà irce, ach san ospadal is e a' cur fà ilte air leanabh.
"Rugadh mo mhac aig 12:10f agus thòisich a' chuairt dheireannach aig 2:00f - dhìochuimhnich mi gun robh e a' tachairt!
"Thà inig cuideigin a-steach a chèilidh oirnn agus dh'fhaighnich iad 'ciamar a tha a' dol dhaibh sa chuairt dheireannaich?'
"Chuir mi air e agus sin an rud as miosa a rinn mi - dh'fhàs mi nearbhasach a' coimhead air an deich mionaid mu dheireadh is an t-eagal orm gun robh Caol Bhòid a' dol a chur tadhail".
Bha fortan air taobh Lòbhait an là sin - is bidh MacMhathain an dòchas gur e sin a thachras a-rithist Disathairne.
Cluinnear an geama beò air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal bho 1:00f.