ICT a' toirt Max Anderson air iasad
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air an cluicheadair meadhan na pà irce Max Anderson a thoirt a-steach air iasad bho Dhùn Dè airson a' chòrr dhen t-seusan.
Tha Anderson, 22, air a bhith aig Dùn Dè fad a dhreuchd is e air tighinn tro acadamaidh òigridh a' chluba.
Chluich e dhaibh airson a' chiad turas ann an 2019 agus bhuannaich e duais chluicheadair òg na bliadhna dà thuras ann an 2020/21 agus 2021/22.
Bha e mar phà irt dhen sgioba a fhuair Dùn Dè air ais dhan Phrìomh Lìog air an t-seusan seo chaidh.
Tha e cuideachd air cluich do sgioba na h-Alba aig ìre Fo 21 aon turas.
Thuit Caley Thistle gu bonn an Championship air an deireadh-sheachdain às dèidh call ris An Àrd-Ruigh 2-1.
Chan eil iad air puing a thogail fhathast san lìog anns na chiad trì geamannan aca.
Leis a sin, tha coltas ann nach e Anderson an cluicheadair mu dheireadh a thèid a thoirt a-steach leis a' mhanaidsear Billy Dodds mus dùin uinneag nan transfers aig deireadh na seachdain.
Tha aithrisean ann gu bheil iad gu sònraichte a' coimhead ri cluicheadair dìon a chur ris an sguad.