Gheibh clubaichean SWPL an t-suim airgid as motha a-riamh
- Air fhoillseachadh
Tha an SWPL ag rà dh gun d'fhuair na sgiobaidhean ann am Prìomh Lìg nam Ban an t-suim airgid as à irde a-riamh air an t-seusan 2022/23.
Tha seo a-rèir chunntasan bliadhnail an lìg, is iad ag rà dh gun deach £344,154 a sgaoileadh am measg nan clubaichean - faisg air a' cheithir uimhir na fhuair iad air an t-seusan 2021/22.
Chaidh £259,154 a thabhainn tro chìsean-cluba, agus bha £85,000 a bha air fhà gail ri fhaighinn mar dhuaisean-airgid Cupa na Lìg.
Tha seo a' tighinn às dèidh don SWPL, Buidheann Riaghlaidh Ball-coise na h-Alba (SFA) agus Lìg Ball-coise Proifeiseanta na h-Alba (SPFL) roinn-mhargaidheachd ùr a stèidheachadh còmhla as t-samhradh 2022.
"Sònraichte là idir"
Thuirt Fionnghal Nic an t-Saoir, manaidsear-stùiriche an SWPL: "Tha na h-à ireamhan seo sònraichte là idir às dèidh a' chiad seusain là n san SWPL agus tha seo a' riochdachadh obair chruaidh nan sgiobaidhean againn airson ball-coise nam ban ann an Alba a leasachadh."
Dh'innis an SPFL na bu thrà ithe san Dà mhair gun deach an t-suim airgid as à irde a thoirt do sgiobaidhean nam fear cuideachd air a' bhliadhna seo.
Tilidh ball-coise ann am Prìomh Lìg nam Ban Didòmhnaich, leis an 12 sgioba a' cluich às dèidh uinneag eadar-nà iseanta a bhith ann.
Didòmhnaich 5mh An t-Samhain
Mon Rois 13:00 Hibernian
Partick Thistle 14:00 Hamaltan
Heart of Midlothian 15:00 Glasgow City
Dùn Dè Aonaichte 16:00 Celtic
Tobar na MÃ thar 16:00 Obar Dheathain
Rangers 16:00 Spartans